Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bothan nan comharraidhean, Ceann Bhuirgh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_274
ÀITE
Am Broch
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26992
KEYWORDS
meur-loidhne Cheann Bhuirgh
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Burghead Signal Box

Anns an dealbh seo, chithear bothan nan comharraidhean ann an Ceann Bhuirgh. Bha seo faisg air an dàrna stèisean do luchd-siubhail. Chithear an cala ri cùl na deilbhe.

Chaidh an rathad-iarainn eadar an Abhais agus Ceann Bhuirgh air an loidhne eadar Eilginn agus Farrais, fhosgladh le Rathad-iarainn Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain air 22 Dùbhlachd 1862. Chaidh an rathad-iarainn seo na phàirt de Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1865. Chaidh a' mheur-loidhne seo a leudachadh gu Hudaman air 10 Dàmhair 1892 agus chaidh an stèisean ùr seo do luchd-siubhail fhosgladh aig an àm sin. B' e an seann stèisean an stèisean airson bathar fhathast. Sguir seirbheisean do luchd-siubhail air 14 Sultain 1931 agus sguir seirbheisean bathair do Hudaman air 30 Dùbhlachd 195air 7 agus chaidh an rèile tron stèisean a thoirt air falbh às dèidh sin. Ann an 19air 70 chaidh ionad-stòraidh gràinne ùr a thogail ann an Ceann Bhuirgh dìreach seachad air an drochaid agus chaidh rèile a chur tron stèisean a-rithist. Chaidh seo a chleachdadh gus na 1990an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bothan nan comharraidhean, Ceann Bhuirgh

MOIREIBH

meur-loidhne Cheann Bhuirgh; Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Anns an dealbh seo, chithear bothan nan comharraidhean ann an Ceann Bhuirgh. Bha seo faisg air an dàrna stèisean do luchd-siubhail. Chithear an cala ri cùl na deilbhe. <br /> <br /> Chaidh an rathad-iarainn eadar an Abhais agus Ceann Bhuirgh air an loidhne eadar Eilginn agus Farrais, fhosgladh le Rathad-iarainn Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain air 22 Dùbhlachd 1862. Chaidh an rathad-iarainn seo na phàirt de Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1865. Chaidh a' mheur-loidhne seo a leudachadh gu Hudaman air 10 Dàmhair 1892 agus chaidh an stèisean ùr seo do luchd-siubhail fhosgladh aig an àm sin. B' e an seann stèisean an stèisean airson bathar fhathast. Sguir seirbheisean do luchd-siubhail air 14 Sultain 1931 agus sguir seirbheisean bathair do Hudaman air 30 Dùbhlachd 195air 7 agus chaidh an rèile tron stèisean a thoirt air falbh às dèidh sin. Ann an 19air 70 chaidh ionad-stòraidh gràinne ùr a thogail ann an Ceann Bhuirgh dìreach seachad air an drochaid agus chaidh rèile a chur tron stèisean a-rithist. Chaidh seo a chleachdadh gus na 1990an