Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann Bhuirgh, stèisean luchd-siubhail
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_285
ÀITE
Am Broch
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
12 An t-Sultain 1958
LINN
1950an
CRUTHADAIR
Harold D. Bowtell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27003
KEYWORDS
meur-loidhne Cheann Bhuirgh
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Burghead, later passenger station.

Anns an dealbh seo, chithear stèisean an luchd-siubhail ann an Ceann Bhuirgh. Chaidh an stèisean seo a thogail nuair a chaidh a' mheur-loidhne a leudachadh gu Hudaman. Tha trèana bathair na seasamh aig an àrd-ùrlar. Bha ceann na loidhne dìreach seachad air an trèana aig ag àm a chaidh an dealbh seo a thogail. Tha an trèana deiseil airson a thòiseachadh air an t-slighe don phrìomh loidhne aig an Abhais. Dh'fhaodte gu bheil an trèana a' feitheimh fhad 's a dh'itheas luchd-obrach na trèana an cuid cheapairean.

Chaidh an rathad-iarainn eadar an Abhais agus Ceann Bhuirgh air an loidhne eadar Eilginn agus Farrais, fhosgladh le Rathad-iarainn Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain air 22 Dùbhlachd 1862. Chaidh an rathad-iarainn seo na phàirt de Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1865. Chaidh a' mheur-loidhne seo a leudachadh gu Hudaman air 10 Dàmhair 1892 agus chaidh an stèisean ùr seo do luchd-siubhail fhosgladh aig an àm sin. B' e an seann stèisean an stèisean airson bathar fhathast. Sguir seirbheisean do luchd-siubhail air 14 Sultain 1931 agus sguir seirbheisean bathair do Hudaman air 30 Dùbhlachd 195air 7 agus chaidh an rèile tron stèisean a thoirt air falbh às dèidh sin.

Is e loco 0-6-0 a chaidh a thogail leis an Rathad-iarainn Cailleannach (Caledonian) a tha seo. Is e 'Jumbos' am far-ainm a bh' aig muinntir a' Chaley orra ach is e 'Caledonian Barneys' a bh' aig na daoine air na loidhnichean aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd orra. Chaidh tòrr de na locothan seo a thogail leis a' Chaledonian airson bathar agus gual a ghiùlain agus chaidh tòrr aca a ghluasad don cheann a tuath

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann Bhuirgh, stèisean luchd-siubhail

MOIREIBH

1950an

meur-loidhne Cheann Bhuirgh; Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Anns an dealbh seo, chithear stèisean an luchd-siubhail ann an Ceann Bhuirgh. Chaidh an stèisean seo a thogail nuair a chaidh a' mheur-loidhne a leudachadh gu Hudaman. Tha trèana bathair na seasamh aig an àrd-ùrlar. Bha ceann na loidhne dìreach seachad air an trèana aig ag àm a chaidh an dealbh seo a thogail. Tha an trèana deiseil airson a thòiseachadh air an t-slighe don phrìomh loidhne aig an Abhais. Dh'fhaodte gu bheil an trèana a' feitheimh fhad 's a dh'itheas luchd-obrach na trèana an cuid cheapairean.<br /> <br /> Chaidh an rathad-iarainn eadar an Abhais agus Ceann Bhuirgh air an loidhne eadar Eilginn agus Farrais, fhosgladh le Rathad-iarainn Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain air 22 Dùbhlachd 1862. Chaidh an rathad-iarainn seo na phàirt de Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1865. Chaidh a' mheur-loidhne seo a leudachadh gu Hudaman air 10 Dàmhair 1892 agus chaidh an stèisean ùr seo do luchd-siubhail fhosgladh aig an àm sin. B' e an seann stèisean an stèisean airson bathar fhathast. Sguir seirbheisean do luchd-siubhail air 14 Sultain 1931 agus sguir seirbheisean bathair do Hudaman air 30 Dùbhlachd 195air 7 agus chaidh an rèile tron stèisean a thoirt air falbh às dèidh sin. <br /> <br /> Is e loco 0-6-0 a chaidh a thogail leis an Rathad-iarainn Cailleannach (Caledonian) a tha seo. Is e 'Jumbos' am far-ainm a bh' aig muinntir a' Chaley orra ach is e 'Caledonian Barneys' a bh' aig na daoine air na loidhnichean aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd orra. Chaidh tòrr de na locothan seo a thogail leis a' Chaledonian airson bathar agus gual a ghiùlain agus chaidh tòrr aca a ghluasad don cheann a tuath