- TIOTAL
- Stèisean Dail Ghiuthais
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_342
- ÀITE
- Dail Giuthais
- SGÌRE
- A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT: Baile a' Mhuilinn
- DEIT
- 1950
- LINN
- 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27058
- KEYWORDS
- prìomh-loidhne
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Chithear trèana bathair a' dol gu deas tro stèisean Dail Giuthais air a' phrìomh loidhne eadar Dùn Chailleann agus Baile Chloichrigh anns an dealbh seo.
Tha an dealbhadair a' coimhead gu deas gu Dail Giuthais. Dh'fhosgail Dail Giuthais 1 Ògmhios 1893. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh aige, is e dìreach trèanaichean ionadail eadar Peairt is Blàr Athall a bhiodh a stad ann. Sguir seirbheisean luchd-siubhail 3 Cèitean agus seirbheisean bathair 27 Faoilleach 1964. Tha an loidhne tron stèisean fhathast fosgailte.
Tha loco stanier Black 5 a' tarraing na trèana. Chaidh na locothan seo a thoirt a-steach ann am meadhan nan 30an agus chaidh an cleachdadh gus an do ghabh dìosalan thairis an dleastanasan ann an 1960/61