Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Dail na Spideil
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_345
ÀITE
Dail na Spideil
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
15 An Cèitean 1928
LINN
1920an
CRUTHADAIR
H C Casserley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27061
KEYWORDS
Druim Uachdair
prìomh-loidhne
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Locomotive at Dalnaspidal Station

Anns an dealbh seo, chithear loco air. 14393 'Loch Laoghal' a' gluasad eadar an loidhne gu tuath agus an loidhne gu deas ann an Stèisean Dail na Spideil, faisg air bràigh Druim Uachdair eadar Peairt is Inbhir Nis. Tha an dealbhadair a' coimhead don iar. Tha e coltach gun robh an loco air a bhith a' cuideachd trèana a bha a' dol gu deas. Agus a obair a-nis deiseil, bha e gu bhith air a thoirt far na trèana agus air a chur air ais don Aghaidh Mhòir.

Dh'fhosgail stèisean Dail na Spideil c1864. Dh'fhosgail an loidhne tron stèisean 1 Sultain 1863. Bha an stèisean fosgailte agus beagan trèanaichean a' stad ann, gus 3 Cèitean 1965. Sguir seirbheisean bathair 27 Faoilleach 1964. Tha an loidhne tron stèisean fhathast fosgailte.

Tha an loco na Clas Loch 4-4-0. B' e seo an clas mu dheireadh a dhealbhaich Jones agus chaidh a thoirt a-steach ann an 1896 gus trèanaichean luchd-siubhail a tharraing air a' phrìomh-loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt. Às dèidh seo, chaidh an ìsleachadh gu seirbheisean nach robh cho cudromach. Chaidh an toirt a-mach à seirbheis anns na 1930an agus 1940an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Dail na Spideil

PEAIRT: Blàr Athall

1920an

Druim Uachdair; prìomh-loidhne; Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Anns an dealbh seo, chithear loco air. 14393 'Loch Laoghal' a' gluasad eadar an loidhne gu tuath agus an loidhne gu deas ann an Stèisean Dail na Spideil, faisg air bràigh Druim Uachdair eadar Peairt is Inbhir Nis. Tha an dealbhadair a' coimhead don iar. Tha e coltach gun robh an loco air a bhith a' cuideachd trèana a bha a' dol gu deas. Agus a obair a-nis deiseil, bha e gu bhith air a thoirt far na trèana agus air a chur air ais don Aghaidh Mhòir. <br /> <br /> Dh'fhosgail stèisean Dail na Spideil c1864. Dh'fhosgail an loidhne tron stèisean 1 Sultain 1863. Bha an stèisean fosgailte agus beagan trèanaichean a' stad ann, gus 3 Cèitean 1965. Sguir seirbheisean bathair 27 Faoilleach 1964. Tha an loidhne tron stèisean fhathast fosgailte.<br /> <br /> Tha an loco na Clas Loch 4-4-0. B' e seo an clas mu dheireadh a dhealbhaich Jones agus chaidh a thoirt a-steach ann an 1896 gus trèanaichean luchd-siubhail a tharraing air a' phrìomh-loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt. Às dèidh seo, chaidh an ìsleachadh gu seirbheisean nach robh cho cudromach. Chaidh an toirt a-mach à seirbheis anns na 1930an agus 1940an