Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana gu tuath a' tighinn a-steach gu Stèisean Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_368
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
c.1930
LINN
1930an
CRUTHADAIR
LGRP
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27085
KEYWORDS
loidhne a tuath
rèile
Rèile na Gàidhealtachd
loidhne rèile
einnseanan
einnseanan trèana
trèanaichean
Northbound train entering Dingwall station.

San dealbh seo chithear Einnsean Àireamh 14675 'Taymouth Castle' (Caisteal Bheul Tatha) a' tighinn a-steach gu stèisean Inbhir Pheofharain a' tarraing trèana o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Ùige no Inbhir Theòrsa. 'S e carbad ithe a tha san dàrna carbad, fear a chaidh a thogail an toiseach do Rèile Shiorrachdan Lanncastair & Iorc. Air an làimh dheis chithear cuallach an sprèidh.

Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983

Chaidh clas einnseanan nan Caistealan a thoirt a-steach ann an 1900 ach an tarraingeadh iad na trèanaichean luatha do luchd-siubhail air an loidhne mhòr eadar Peairt is Inbhir Nis. Chaidh an cleachdadh a-rithist air seirbheisean nach robh cho cudromach. Chaidh cuid de na h-einnseanan a chur gu deas ach an tarraingeadh iad trèanaichean don Òban à Glaschu agus Sruighlea. Chaidh an tarraing à seirbheis sna 1930an is na 1940an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana gu tuath a' tighinn a-steach gu Stèisean Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1930an

loidhne a tuath; rèile; Rèile na Gàidhealtachd; loidhne rèile; einnseanan; einnseanan trèana; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh seo chithear Einnsean Àireamh 14675 'Taymouth Castle' (Caisteal Bheul Tatha) a' tighinn a-steach gu stèisean Inbhir Pheofharain a' tarraing trèana o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Ùige no Inbhir Theòrsa. 'S e carbad ithe a tha san dàrna carbad, fear a chaidh a thogail an toiseach do Rèile Shiorrachdan Lanncastair & Iorc. Air an làimh dheis chithear cuallach an sprèidh.<br /> <br /> Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983<br /> <br /> Chaidh clas einnseanan nan Caistealan a thoirt a-steach ann an 1900 ach an tarraingeadh iad na trèanaichean luatha do luchd-siubhail air an loidhne mhòr eadar Peairt is Inbhir Nis. Chaidh an cleachdadh a-rithist air seirbheisean nach robh cho cudromach. Chaidh cuid de na h-einnseanan a chur gu deas ach an tarraingeadh iad trèanaichean don Òban à Glaschu agus Sruighlea. Chaidh an tarraing à seirbheis sna 1930an is na 1940an