Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà thrèana aig ceann a tuath Stèisean Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_369
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1920an
CRUTHADAIR
LGRP
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27086
KEYWORDS
loidhne a tuath
rèile
Rèile na Gàidhealtachd
loidhne rèile
Two trains at north end of Dingwall station

San dealbh seo chithear dà thrèana aig ceann a tuath stèisean Inbhir Pheofharain. Air an làimh chlì, 's e einnsean Àireamh 7 'Ben Attow' a tha a' tarraing trèana o Inbhir Nis a thèid air adhart air loidhne a tuath Inbhir Ùige. Tha an trèana a tha ga coinneachadh na seasamh air an làimh dheis, agus Tanca Luchd-Siubhail na ceann.

Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983

Chaidh einnseanan clas (le ainmean) nam Beanntan Beaga a thoirt a-steach ann an 1898, an àite feadhainn na b' aosta, airson dleastanasan luatha na b' aotroime a dhèanamh air na loidhnichean gu tuath agus dhan ear air Inbhir Nis. Ghabhadh am faicinn mu dheireadh air feadh siostam gu lèir rèile na Gàidhealtachd. Chaidh an tarraing às, a' mhòr-chuid dhiubh, sna 1930an is na 1940an, ach bha feadhainn fhathast ann sna 1950an.

'S e bh' ann an clas nan Tanca Luchd-Siubhail (Passenger Tank class) ceithir tancaichean 0-4-4 air an togail ann an 1905-06 airson dleastanasan air loidhnichean gobhail. Mhair a dhà dhiubh suas gu na meadhan 1950an, ag obair air gobhal Dhòrnaich, na h-einnseanan deireannach aig Rèile na Gàidhealtachd fhathast ann an seirbheis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà thrèana aig ceann a tuath Stèisean Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1920an

loidhne a tuath; rèile; Rèile na Gàidhealtachd; loidhne rèile

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations