Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Gobha agus an Sìthiche - sgeulachd à Ìle
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_BL0031
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Iain MacPherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
2711
KEYWORDS
os-nàdarrach
uirsgeul
uirsgeulan
beul eachdraidh
beul aithris
gobhaichean
sìthichean
claistinneach

Get Adobe Flash player

San earrann èisteachd seo tha Iain Mac a' Phearsain ag innse na sgeulachd Ìleach 'An Gobha agus an Sìthiche' dha Fraoch Dheòireach.

IM: ...Tha naidheachd eile dìreach a thug nam chuimhne a' sin agus 's e tiolam air [timcheall air] Baile na h-Eirich, Baile Tharbhach a their sinne ris ann an Ìle.

HN: O 's e.

IM: Agus bha gobha ann, ann am Baile Tharbhach agus bha an gobha aona mhaidinn samhraidh, bha e a-mach doirbh tràth sa mhaidinn agus o chionn gun robh mòran obair aige ri dhèanadh an latha sin. Agus bha e dìreach a-staigh sa cheàrdaich agus bha a' ghealbhan air saod aige agus bha e ag obair leis a' bholg is a h-uile mìr agus a' teasachadh gad iarainn. Agus cò thàinig a-staigh ach sìthmhearach beag agus bha i a' dannsa' mun cheàrdaich agus thuirt e rith[ch]e 'Dè do gnothach a' seo a ghalad?' thuirt esan. 'Uill, tha naidheachd agam' thuirt a' sìthmhearach 'agus chan eil mi a' dol ag innse dhuit.' Agus co-dhiù, fhuair an gobha, fhuair e an t-iarainn agus bha e geal teth agus chum e eadar an doras[t] agus a' sìthmhearach agus thuirt e rith[ch]e, 'Uill a-mach às a' seo chan fhaigh thu gus an innse thu dhomh do naidheachd.' 'Uill,' thuirt ise 'tha sin a'am naidheachd' thuirt ise, agus thuirt ise:

'Cho fad 's a bhios uisge a' ruith[ch]
Is feur a' fàs
Is a' ghrian a' sreap ri speuran
Ri àrd an làn
Is na h-eòin san adhar
Bitheadh Mac a' Ghobhainn an Easginnis'

Is bha sin gu math. 'Och falbh is gabh a-mach a' seo' thuirt an gobha, tha mi tuilleadh is trang a bhith ag èisteachd ri cle-mhana mar shin. Co-dhiù, bha sin gu math. An ceann dà bhliadhna, thàinig duine à dh' Easginnis agus 's e Mac a' Ghobhainn a bh' air agus cha robh an duine fiadhaich fada anns an àite mun shiubhail e. Agus cha robh e ach an dèidh siubhail thàinig, 's e anns a' gheamhradh a bh' ann, thàinig sneachd mòr agus bha h-uile h-àite, chan fhaigheadh iad a-mach air na rathaidean mòr no stuth no airs[h]on dol don chladh no stuth agus b' fheudar dhaibh an duine a thiodhlacadh ann an Easginnis.

HN: Agus 's e sin carson...

IM: Agus tha e ann an Easginnis fhathast, tha Mac a' Ghobhainn an Easginnis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Gobha agus an Sìthiche - sgeulachd à Ìle

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

os-nàdarrach; uirsgeul; uirsgeulan; beul eachdraidh; beul aithris; gobhaichean; sìthichean; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas Ìle