Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidhnichean-taobh Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_387
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
An t-Iuchar 1962
LINN
1960an
CRUTHADAIR
R Holmes
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27111
KEYWORDS
loidhne a tuath
rèile
Rèile na Gàidhealtachd
loidhne rèile
loidhnichean rèile
Dingwall Sidings

Chaidh an dealbh seo a thogail bho thaobh an ear an stèisein agus chì thu ann na loidhnichean-taobh far am biodh trèanaichean air an rianachadh agus air an cumail. Tha stèisean an luchd-siubhail thall; chithear sgàilean-mullaich a' phrìomh thogalaich air taobh clì tùir an uisge. Bhiodh tòrr de na carbadan a chithear an seo air an stòradh ann. Tha grunn charbadan sprèidh ann, ach aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail, bha an trafaig seo a' sìor dhol a-null gu còmhdhail an rathaid. Bha an carbad air a bheulaibh air a chleachdadh aig na h-einnseanairean a bha a' càradh na rèile.

Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidhnichean-taobh Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1960an

loidhne a tuath; rèile; Rèile na Gàidhealtachd; loidhne rèile; loidhnichean rèile

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Chaidh an dealbh seo a thogail bho thaobh an ear an stèisein agus chì thu ann na loidhnichean-taobh far am biodh trèanaichean air an rianachadh agus air an cumail. Tha stèisean an luchd-siubhail thall; chithear sgàilean-mullaich a' phrìomh thogalaich air taobh clì tùir an uisge. Bhiodh tòrr de na carbadan a chithear an seo air an stòradh ann. Tha grunn charbadan sprèidh ann, ach aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail, bha an trafaig seo a' sìor dhol a-null gu còmhdhail an rathaid. Bha an carbad air a bheulaibh air a chleachdadh aig na h-einnseanairean a bha a' càradh na rèile.<br /> <br /> Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983