Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togalach beag, Stèisean Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_401
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
Ògmhios 2003
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Keith Fenwick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27125
KEYWORDS
loidhne a tuath
rèile
Rèile na Gàidhealtachd
loidhne rèile
Small Building, Dingwall Station

San dealbh seo chithear an togalach beag fiodha air an àrd-ùrlar gu tuath, ri taobh drochaid an rathaid, ann an stèisean Inbhir Pheofharain. Chaidh a thogail le Rèile na Gàidhealtachd mar rùm-feitheamh air gobhal Shrath Pheofhair agus bha e air a shuidheachadh taobh thall na drochaid an toiseach. Sna 1970an chaidh a chleachdadh na oifis aig Iar-sgrùdaire Sgioba Càraidh Loidhne Inbhir Pheofharain (Permanent Way Gang - an fheadhainn a bha a' càradh na rèile agus àirneis eile na loidhne) mus deach a ghluasad don àite far a bheil e an-diugh. 'S dòcha gun deach an togalach a chur gu feum mar stòr do pharsailean. Nuair a chaidh na facail seo a sgrìobhadh (2009) bha an togalach beag ann an droch staid.

Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togalach beag, Stèisean Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

2000an

loidhne a tuath; rèile; Rèile na Gàidhealtachd; loidhne rèile

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh seo chithear an togalach beag fiodha air an àrd-ùrlar gu tuath, ri taobh drochaid an rathaid, ann an stèisean Inbhir Pheofharain. Chaidh a thogail le Rèile na Gàidhealtachd mar rùm-feitheamh air gobhal Shrath Pheofhair agus bha e air a shuidheachadh taobh thall na drochaid an toiseach. Sna 1970an chaidh a chleachdadh na oifis aig Iar-sgrùdaire Sgioba Càraidh Loidhne Inbhir Pheofharain (Permanent Way Gang - an fheadhainn a bha a' càradh na rèile agus àirneis eile na loidhne) mus deach a ghluasad don àite far a bheil e an-diugh. 'S dòcha gun deach an togalach a chur gu feum mar stòr do pharsailean. Nuair a chaidh na facail seo a sgrìobhadh (2009) bha an togalach beag ann an droch staid. <br /> <br /> Chaidh an loidhne o Inbhir Nis gu ruige Inbhir Pheofharain fhosgladh air an 11mh Ògmhios 1862. Chaidh an loidhne a leudachadh gu ruige Inbhir Ghòrdain air an 23mh Màrt 1863. Air an 9mh den Lùnastal 1870, thàinig an stèisean gu bhith na cheann loidhne-gobhail nuair a dh'fhosgladh loidhne Phort an t-Sròim. Tha an stèisean fhathast fosgailte do luchd-siubhail ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983