Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uisge beatha - pàirt 1
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_CI001_1
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Neil Ferguson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
2713
KEYWORDS
taighean staile
beul-aithris
dòigh-beatha air eilean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chaidh taigh-staile Caol Ìle a stèidheachadh faisg air Port Asgaig ann an Ìle ann an 1846 le Eachann MacEanruig. San agallamh seo, tha Neil MacFhearghais (NM), a chuir seachad ùine mhòr ag obair ann, a' bruidhinn ri Emily Edwards (EE). Tha an agallamh na dà phàirt agus tha i ann an Gàidhlig.

Seo an tar-sgrìobhadh:

NM: Mar a thàinig mise a dh'obair a' seo an toiseach, mar a thàinig mi don bhaile seo an toiseach... bha...ceithir...thirty four...ceithir deug air fhichead ag obair. Uill, bha iad air a' payroll co-dhiù, chan robh feadhainn ach, cha robh iad sin a' dèanadh a' mhòran... (gàireachdainn). Bha ceithir 's deug air fhichead ag obair mar bitheanta co-dhiù anns an stail anns an àm sin. A-nis, chan eil ach seachd. Shin agad a th' ann. Agus paidhir dhuicha sin. Am manaidsear agus... an clerkess anns an oifis ach chan eil sin ach a' fàgail còig agus ma thig thu a-staigh don... Ma thig thu a-staigh an-sin, chan eil ach aon duine...

EE: Aha.

NM: ... a tha a' ruith a h-uile mìr...agus mar a tha thu a' glanadh na gnothaichean a-staigh an-sin, tha thu a' useadh chemicals 'n rudan mar sin ach ma chuireas tu e air a' choimpiutair. 'Prògram air a' choimpiutair 's glanaidh esan a h-uile stuth agus cha leig thu leas chemicals. Cha leig thu don chòrr idir. Nì esan a h-uile stuth. Ach, airson mar a tha thu a' dèanadh an obair, mar a tha thu a' dèanadh uisge-beatha mar sin. 'Se fear a tha air an shift, 'se esan a tha in control. Esan, uill, chan eil aca ach mar a' falbh agus cneapan 'siud 's an-seo. Ach tha na cneapan sin, tha iad a' switchadh air pumpannan agus a' fosgladh valves agus rudan mar sin. Chan eil mìr obair a' ruith mun cuairt ach a' fosgladh siud agus a' drùnadh siud a-nis.

EE: Tha sin gu math duilich.

NM: Tha iad dìreach a' putadh na cneapan beag agus tha sin a' dèanadh an obair. Ach tha e glè shoirbh ged nach eil ach aon duine ga dhèanadh. Tha sinn a' dèanadh còig mìle galan ann an... sa latha. Twenty four hours.

EE: Còig mìle?

NM: Tha iad ag obair fad na h-ùine, tha fhios 'ad. Ach, tha còig mìle galan, 'eil e a dhìth ort sin ann an litres?

EE: M-hm .

NM: Twenty three thousand five hundred. 'Se mòran uisge beatha a tha sin! Airson aon duine aig àm, aon duine anns a' shift. Tha iad ag obair ochd uairean, tha fhios 'ad. Tha cuideigin a' dol a-mach sè uair anns a' mhaidinn agus tha e rèidh aig dà uairean. Dà uair às dèidh meadhan latha agus tha cuideigin eile a' tòiseachadh aig dà uair. Tha esan rèidh aig deich uairean feasgar agus cuideigin eile a' tighinn a-mach 'shon shift na h-oidhche aig deich uairean agus bidh esan rèidh aig sè uair 'sa mhaidinn. Ach chan eil ach aon duine anns an àite.

EE: Seadh

NM: Uill, na feadhainn a tha ag obair 'san latha tha am fear mu dheireadh a-mach às a sin leth uair an dèidh ceithir agus chan eil ach aon duine a' ruith an àite air fad agus sin gus ochd uairean an larna-mhàireach.

EE: Tha sin gu math duilich, nach e?

NM: Ó tha, tha e duilich.

EE: Dè'n obair a bh' agads' nuair a thòisich thu aig Caol Ila, dè'n obair a bh' agad?

NM: Bha mise ag obair anns an t-sabhail bràchaidh. Bha sinn a' tòiseach' le eòrna, tha fhios 'ad, sìol eòrna. Agus bha sinn air a toirt, a' eòrna, tha tunnaichean 's tunnaichean dheth agus bhiodh sinn ga chur am bogadh ann an uisge fad...chan eil fhios a-nis de an ùine a bh'agad, thirty six hours agus ach bha thu a' gabhail chun an uisge abair leth-rathaid eadar an àm sin. Bha thu a' ruith dheth an uisge a bha am bogadh ann agus bha thu a' cur uisge eile air a lìonadh e suas a-rithist. Bha tankannan mòra agus bha thu ga chur ann. Tunnaichean agus tunnaichean dheth. Agus bha thu a' sin a' draineadh air folbh e, an uisge, às a sin. Agus bha thu ga thoirt agus bha thu ga sgaoileadh a-mach air ùrlar mòr concrete, dìreach thar do ghualainn mar sin agus... ach mòr, taigh mòr.... agus ris an robh 'ad a' toirt dà no trì òirleach doimhneachd. Agus bha thu dìreach ga fhàgail. Agus bha e fliuch co-dhiù agus nuair a dh' fhàgas tu e bhiodh e a' teasachadh 's a' fàs blàth agus thòisich e a' cinntinn. Agus mar a thòisigh e a' cinntinn bha thu a' faotainn na rudan beaga geal, cosail ri ribichean a' tighinn a-mach às na rudan beaga eòrna. Chitheadh tu na... uill... bha h-aon a' tighinn a-mach aon cheann bho na freumhaichean - na roots - agus an rud eile bha iad bho na duilleagan mar sin agus nuair a bha an ùine a' dol seachad bha iad a' cinntinn nas fhaide 's nas fhaide gus an ruigeadh iad a leithid seo. Dh' fheumadh tu an tionndadh le sluasaidean fiodh... Dh'fhaoidte gu' fac' thu iad fhè air uaireigin. Ach...[?] nach fhaca. Bha sinn ga thionndadh a chionn feumadh tu a chumail a' dol mun cuairt ga thionndadh. Mura dèan thu sin mar a dh' fhàsas iad nas fhaide agus nas fhaide, na ribichean beag seo, a tha a' tighinn air, bidh iad a' dol gan fighe a-staigh am measg a chèile agus cha mhòr nach togadh tu e cosail ri carpet. [?] tu e agus chumadh e còmhla, tha fhios 'ad. Bhon sin bha thu ga tionndadh fad na h-ùine, gus nach fhaigheadh iad greim air a chèile.

EE: Tha mi a' tuigsinn.

NM: Agus bha sin a' dol air aghaidh, fad na h-ùine, fad na h-oidhche. A bharrachd air an latha cuideachd agus bhiodh tu a' dèanadh sin agus an ùine a bha sin, a bha thu a' dèanadh sin. Agus bha iad a' cinntinn, germination stage, germination process. Bha iad a-staigh anns an eòrna bha e air at suas leis an uisge co-dhiù agus absorb e. Bha iad a' dèanadh siùcars agus starrsa a-staigh a' sin agus ... enzymes de seòrsaichean. Chan eil fhios a'amsa. Bha enzmyes co-dhiù. 'S bha iad air a dhèanadh a-staigh sin agus na siùcair sin [?]. 'Se sin a tha thu a' convertadh a-staigh do alcohol mar a tha thu... rèidh [?]. Ach, mar a tha thu ga bhràchadh mar shin cha toirt e ach ceithir làithean, cha toir e mu cheithir làithean no mar sin. Mar a mhandas tu h-aon de na rudan 'n eòrna, na 'ears, a thogail, sgrìobhadh tu d'ainm air a' bhalla leis. Tha... a-nis, tha sin deas airson an ath stage. Agus ga thoirt à sin agus tha thu ga chur a-staigh don àith airson a thiormachadh. Agus bha mi ga sgaoileadh a-mach air an ùrlar, mash a bha 'san ùrlar agus bha thu a' sin a' togail gealbhan a-staigh fo i le mòine ach dh'fhaoidte beagan gual cuideachd, coke, airson teas a thoirt dha. Agus, bha an teas on ghealbhan mòine a bha sin a' dol suas tron ùrlar a bha shuas air a' mash, mash a bha shuas a' sin agus bha e a' tiormachadh a' eòrna [?] a' bhràch a bha shuas air a' mhullach a' sin. Agus dh'fheumadh tu dol a-staigh sin a h-uile latha. Sin na pogadas a tha sin, na pogoda roofs, sin far a bheil an àith. Chì thu toit a' tighinn a-mach às a sin gach aon latha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uisge beatha - pàirt 1

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

taighean staile; beul-aithris; dòigh-beatha air eilean; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas Ìle