Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana na seasamh aig Dòrnach
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_407
ÀITE
Dòrnach
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27131
KEYWORDS
Rèile gu Dòrnach
rèile
Rèile na Gàidhealtachd
loidhnichean rèile
stèiseanan
Train standing at Dornoch.

San dealbh seo chithear trèana air a tarraing le Tanca Luchd-siubhail Àireamh 15054 a bha uaireigin le Rèile na Gàidhealtachd. Tha i a' feitheamh gus am fàg i Dòrnach gus a dhol dhan Mhùnd. Tha measgadh de charbadan anns an trèana: 's e an treas carbad fear a bha uaireigin le Rèile na Meadhan-tìre, le lobhta soilleir ('clerestory') agus breigean.

B' e Dòrnach ceann-uidhe loidhne-gobhail on Mhùnd, air fhosgladh mar Rèile Aotrom Dhòrnaich air air an 2ra Ògmhios 1902. Chaidh a dhùnadh gu lèir air an 13mh Ògmhios 1960.

'S e bh' ann an clas nan Tanca Luchd-Siubhail (Passenger Tank class) ceithir einnseanan 0-4-4 air an togail ann an 1905-06 airson dleasdanasan air loidhnichean gobhail. Mhair dhà dhiubh suas gu meadhan nan 1950an, ag obair air gobhal Dhòrnaich, na h-einnseanan deireannach aig Rèile na Gàidhealtachd fhathast ann an seirbheis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana na seasamh aig Dòrnach

CATAIBH: Dòrnach

1920an; 1930an

Rèile gu Dòrnach; rèile; Rèile na Gàidhealtachd; loidhnichean rèile; stèiseanan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh seo chithear trèana air a tarraing le Tanca Luchd-siubhail Àireamh 15054 a bha uaireigin le Rèile na Gàidhealtachd. Tha i a' feitheamh gus am fàg i Dòrnach gus a dhol dhan Mhùnd. Tha measgadh de charbadan anns an trèana: 's e an treas carbad fear a bha uaireigin le Rèile na Meadhan-tìre, le lobhta soilleir ('clerestory') agus breigean.<br /> <br /> B' e Dòrnach ceann-uidhe loidhne-gobhail on Mhùnd, air fhosgladh mar Rèile Aotrom Dhòrnaich air air an 2ra Ògmhios 1902. Chaidh a dhùnadh gu lèir air an 13mh Ògmhios 1960.<br /> <br /> 'S e bh' ann an clas nan Tanca Luchd-Siubhail (Passenger Tank class) ceithir einnseanan 0-4-4 air an togail ann an 1905-06 airson dleasdanasan air loidhnichean gobhail. Mhair dhà dhiubh suas gu meadhan nan 1950an, ag obair air gobhal Dhòrnaich, na h-einnseanan deireannach aig Rèile na Gàidhealtachd fhathast ann an seirbheis