Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh-camara thràth de thrèana a' feitheamh gus Dòrnach fhàgail
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_410
ÀITE
Dòrnach
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
DEIT
2 Ògmhios 1902
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27134
KEYWORDS
Rèile gu Dòrnach
rèile
einnseanan
einnseanan-treana
Rèile na Gàidhealtachd
loidhnichean rèile
stèiseanan
trèanaichean
Early photograph of a train waiting to leave Dornoch.

San dealbh seo chithear a' chiad trèana a dh'fhàg Dòrnach gus a dhol dhan Mhùnd nuair a dh'fhosgail an loidhne. Bha i air a tarraing le einnsean Tanca Lochgorm Àireamh 56 'Dòrnach'. Tha measgadh de charbadan anns an trèana: 's e an treas carbad fear a bha uaireigin le Rèile na Meadhan-tìre, le lobhta soilleir ('clerestory') agus breigean.

B' e Dòrnach ceann-uidhe loidhne-gobhail on Mhùnd, air fhosgladh mar Rèile Aotrom Dhòrnaich air an 2ra Ògmhios 1902. Chaidh a dhùnadh gu lèir air an 13mh Ògmhios 1960.

Chaidh trì einnseanan tanca Lochgorm a thogail eadar 1869 agus 1874 airson obair putadh mun cuairt. Chaidh an deilbh le Uilleam Stroudley agus tha iad coltach ris na tancaichean Terrier aige, a bha gu math na b' ainmeile, a bh' air Rèile Lunnainn, Brighton & Cost a Deas. Chaidh an tarraing a seirbheis eadar 1927 agus 1932. Chaidh Amh 56 a chur gu sonraichte ri obair air gobhal Dhòrnaich nuair a dh'fhosgail sin, agus mar sin 's e 'Dòrnach' an t-ainm a chaidh a thoirt dha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh-camara thràth de thrèana a' feitheamh gus Dòrnach fhàgail

CATAIBH: Dòrnach

1900an

Rèile gu Dòrnach; rèile; einnseanan; einnseanan-treana; Rèile na Gàidhealtachd; loidhnichean rèile; stèiseanan; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh seo chithear a' chiad trèana a dh'fhàg Dòrnach gus a dhol dhan Mhùnd nuair a dh'fhosgail an loidhne. Bha i air a tarraing le einnsean Tanca Lochgorm Àireamh 56 'Dòrnach'. Tha measgadh de charbadan anns an trèana: 's e an treas carbad fear a bha uaireigin le Rèile na Meadhan-tìre, le lobhta soilleir ('clerestory') agus breigean.<br /> <br /> B' e Dòrnach ceann-uidhe loidhne-gobhail on Mhùnd, air fhosgladh mar Rèile Aotrom Dhòrnaich air an 2ra Ògmhios 1902. Chaidh a dhùnadh gu lèir air an 13mh Ògmhios 1960.<br /> <br /> Chaidh trì einnseanan tanca Lochgorm a thogail eadar 1869 agus 1874 airson obair putadh mun cuairt. Chaidh an deilbh le Uilleam Stroudley agus tha iad coltach ris na tancaichean Terrier aige, a bha gu math na b' ainmeile, a bh' air Rèile Lunnainn, Brighton & Cost a Deas. Chaidh an tarraing a seirbheis eadar 1927 agus 1932. Chaidh Amh 56 a chur gu sonraichte ri obair air gobhal Dhòrnaich nuair a dh'fhosgail sin, agus mar sin 's e 'Dòrnach' an t-ainm a chaidh a thoirt dha