Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uisge beatha - pàirt 2
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_CI001_2
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Neil Ferguson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
2715
KEYWORDS
taighean staile
beul-aithris
dòigh-beatha air eilean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chaidh taigh-staile Caol Ìle a stèidheachadh faisg air Port Asgaig ann an Ìle ann an 1846 le Eachann MacEanruig. San agallamh seo, tha Neil MacFhearghais (NM), a chuir seachad ùine mhòr ag obair ann, a' bruidhinn ri Emily Edwards (EE). Tha an agallamh na dà phàirt agus tha i ann an Gàidhlig.

Seo an tar-sgrìobhadh:

EE: Cuin' a thòisich tu a' dèanamh na tour guides dìreach...?

NM: Dìreach o chionn... Uill, tha mi a' dèanadh an obair sin, tha 'chionn còrr is fichead bliadhna, o chionn cha robh e a-riamh a' cur dragh ormsa communicating le duine sas bith! (gàireachdainn). Agus am fear a bha shìos an-seo 'san àm, bha esan eòlach ormsa. 'Se Ileach eile a bh' ann. 'Ileach 's a tha a' chuid as motha de na feadhainn a tha shìos an-seo.

EE: Tha sin math.

NM: 'Se, ò 'se sin mar a bha e a-riamh. Agus nuair a bha mi a-staigh a' sin bhiodh tu a' cluinntinn a' uiread Gàidhlig 's a chluinneadh tu àite sas bith. Ainmean de bha tachairt, bràch, tha fhios 'ad. Agus mar sin bha na facail Ghàidhlig airshon a h-uile stuth a bha a' tachairt cuideachd. Na stailichean, anns an taigh na stails, taigh na stailich. Agus... chuala mi [?] uisge beatha cuideachd 's gnothaichean eile. Leann-loisgte, an cuala tu sin?

EE: Cha chuala.

NM: Burnt ale, pot ale. Shin 'ad mar a tha e. Tha e air fhàgail as dèidh a thoirt dheth agus bha facal eile airshon a h-uile stuth a bha thu a' dèanadh. Bha facail Ghàidhlig agad air a shon. Agus nuair a bha thu ag obair bha sinn a' bruidhinn 'sa Ghàidhlig co-dhiù.

EE: An robh sibh daonnan a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig?

NM: Bha sinn a' bruidhinn am measg a chèile anns a' Ghàidhlig, bha... bha. Agus chan eil fhios ma tha duine sas bith an ceartuair a bhruidhneas a' Ghàidhlig. Tha mi cinnteach gu bheil iad glè eòlach air a' Ghàidhlig...

EE: Bidh

NM: ...ach cosail ri mòran de na feadhainn nas òige cha bhruidhinn iad e ged a tha iad, tuigidh iad mòran dheth agus tha an aon rud shìos an seo.

EE: 'Se, 's e. Dè seòrsa faclan a tha agaibh airson diofar rudan?

NM: Uill, airson na stailichean... mar a tha thu a' cur a-staigh... wash sin agad mar a tha e, mar a tha. Bha mi a' bruidhinn tioram air a' bhràchaidh, bràch, malt, bràch. Tha thu a' tòiseachadh leis an eòrna agus tha thu ga bhràchadh, through the malting process, agus tha thu a' sin a cur a-staigh don àith.

EE: Seadh.

NM: 'Se sin far a bheil thu ga tioramachadh 'san àith.

EE: Tha mi a' tuigsinn uh-huh.

NM: Tha sin deas airson an ath stage. Agus mar a chuireas tu e anns an dabhach, mash tun, an dabhach, sin a their 'ad ris. Agus tha thu ga mheasgachadh sin le uisge teth. Tha thu ga chur tron mhuileann roimhe sin agus tha thu ga mhuileadh shìos. Chan eil e doirbh a faighinn... Ach tha thu ga cur don mhuileann an tòiseach agus tha thu a' sin ga chur a-staigh anns an dabhach le uisge teth. Agus tha an t-uisge teth a tha thu a' cur air tha sin a' tarraing às na siùcaran agus na starrsan a bha air a dhèanadh aig... germination, germination stage, the malting stage. Mar a bha mi ag ràdh tha thu a' sin a' tarraing na siùcaran 's na seòrsa, na rudan ann às mar a chuireas tu anns an dabhach agus tha thu a' sin ga chur... anns na tunnaichean, tuns. T. U. N. 'Se sin vats, vats mòr fiodh.

EE: Aye, the fios 'am, aye.

NM: 'S ann às fiodh a tha iadsan a thogail. Agus... ach mun cuir thu e a-staigh a' sin, feumaidh tu 'ath-fhuarachadh sìos a chionn gu bheil thu a' dol a thoirt deasgainn na mheasg. Deasgainn airson... a' startadh fermentation. Agus tha thu a' cur an deasgainn a-staigh...start fhaighinn air folbh. Tha thu a' cur an leithid seo dhe dheasgainn anns a h-uile... sin an dòigh... ochd deug mìle galan aig àm. Tha sinn a' cur deasgainn a-staigh na mheasg agus tòisichidh sin a' fermentadh, tha fhios 'ad, suas agus feithidh e a-staigh a' sin fad trì làithean no dh'fhaoidte trì làithean gu leth...agus tha sin deas, their iad ris caochan, wash, caochan.

EE: Caochan. Seadh, uh-huh.

NM: Agus mar a tha e rèidh... fermentation, fermentation stage. Tha e cosail ri leann car làidir a tha sin. Tha e seven percent alcohol nuair a tha sin. Ach tha e glè gasda 's toil le mòran dhiucha e ach dh' fhàs iad tuilleadh 's dèidheil air... A-nis tha iad a' toirt an stuff sin, a' caochan, wash mar a thuirt iad ris, agus tha thu a' sin ga chur a-staigh don stail, stail a' chaochain. Agus tha thu ga goileadh suas. Agus mar a thòisicheas e air sgaoileadh, tha... vapour a tha a' tighinn dheth, steam, tha a' dol suas don stills, a-staigh don chondenser. Agus tha sin a' condensadh agus dè their ris, an stage ... Anns a' Bheurla 's e low wines a their iad ris ach chan eil cuimhne. Cha mhand mi cuimhneachadh a-nis air an ainm anns a' Ghàidhlig. Ach sin agad a' chiad stage den distillation agus ma thòis'eas tu am fear sin suas gus twenty eight percent... alcohol.

EE: Uh-hm.

NM: Tha thu a' sin ga chur a-staigh don stilleachan eile, stailichean na spiorad, agus mar a thòiseachas e air goileadh a' sin mar a thòiseachas e a' tighinn dheth tha e shuas ri, cho àrd ri, tha e dh'fhaoidte trì deug 's trì fichead, seventy three percent alcohol. Tha thu ga ruith mar spiorad fad trì uairean.

EE: Seadh.

NM: Trì uairean agus tha e a' fàs mar a tha an ùine a' dol seachad. Tha e a' dol sìos aig ceann na trì uairean, tha thu sìos gus trì fichead, sixty percent alcohol. Tha sin a' dol thar uisge beatha agus tha thu ga ruith dheth. Their iad ris faints. 'Se sin an aon ainm a tha fhios a'ams' air a shon. Ach tha e a' fàs lag a' sin... nas fhaide sìos gus mu dheireadh tha e cho lag dìreach, tha e dh'fhaoidte h-aon percent alcohol. An dèidh sin chan eil a' cost airgead. Agus uill, 'se Albannaich a th'ann an-sin...Co-dhiù gheibh iad an rud [?] daonnan a' dèanadh cosg airgead. Ma thig thu gus...shìos gus one percent. Chuir dheth an stail, lìon e suas i 's a' gabhail ort fad na h-oidhche 's fad an latha gu ceann aon seachdain...mar a tha thu fhè...[???] Ach a h-uile latha, tha fhios 'ad, a h-uile mìr, ceithir uairean air fhichead, còig mìle galan. Twenty three thousand five hundred litres.

EE: Còig mìle?

NM: 'Se mòran uisge beatha a tha sin. (gàireachdainn).

EE: Tha sin math - chan urrainn dhomhsa sin a chreid!

NM: Barrachd na b' urrainn dhomhsa a dh'òl! Ach tha e fuathasach agus bidh iad a' tighinn às h-uile h-oisean den t-saoghal 'faicinn mar a tha sinn a' dèanamh uisge beatha.

EE: Bidh.

NM: Agus tha amadan cosail riumsa a' dol mu chuairt ag innse dhaibh dè tha tachairt...
[15.52]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uisge beatha - pàirt 2

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

taighean staile; beul-aithris; dòigh-beatha air eilean; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas Ìle