Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Dhiùirinis ga thogail
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_430
ÀITE
Diùirinis
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27154
KEYWORDS
Rèile a' Chaoil
rèile
Rèile na Gàidhealtachd
loidhnichean rèile
stèiseanan
Duirinish Station during construction.

San dealbh seo a chaidh a thogail san DÀireamhair 1897, dìreach mus deach an loidhne fhosgladh, chithear trèana obrach aig Diùirinis. Thathar a' cur crìoch air mullach luaithre an àrd-ùrlair.

Tha Diùirinis air loidhne do Chaol Loch Aillse a bha a' tighinn gu crìoch an toiseach aig Port an t-Sròim. Chaidh am pìos ùr gu ruige an Caol fhosgladh an 2a Samhain 1897 agus tha e fhathast fosgailte do luchd-siubhail. Ach chaidh seirbheisean bathair aig Diùirinis an toirt air falbh an 1mh Gearran 1954. Tron Dàrna Cogadh chaidh loidhnichean-taobh a thogail an seo airson cuideachadh leis na bh' ann de thrafaig trom a' dol a-mach 's a-steach don Chaol.

'S e an t-einnsean-trèana fear Àireamh 63 'Inbhir Nis' Clas nan Diùc 4-4-0. Chaidh iad seo a thogail an toiseach sna 1870an do na prìomh thrèanaichean luchd-siubhail air an loidhne mhòir, ach mus deach am foto seo a thogail bha iad a-nis air an cur a-null gu obair na b' aotroime. Chaidh an tarraing às eadar 1907 agus 1923

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Dhiùirinis ga thogail

ROS: Loch Aillse

Rèile a' Chaoil; rèile; Rèile na Gàidhealtachd; loidhnichean rèile; stèiseanan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh seo a chaidh a thogail san DÀireamhair 1897, dìreach mus deach an loidhne fhosgladh, chithear trèana obrach aig Diùirinis. Thathar a' cur crìoch air mullach luaithre an àrd-ùrlair.<br /> <br /> Tha Diùirinis air loidhne do Chaol Loch Aillse a bha a' tighinn gu crìoch an toiseach aig Port an t-Sròim. Chaidh am pìos ùr gu ruige an Caol fhosgladh an 2a Samhain 1897 agus tha e fhathast fosgailte do luchd-siubhail. Ach chaidh seirbheisean bathair aig Diùirinis an toirt air falbh an 1mh Gearran 1954. Tron Dàrna Cogadh chaidh loidhnichean-taobh a thogail an seo airson cuideachadh leis na bh' ann de thrafaig trom a' dol a-mach 's a-steach don Chaol. <br /> <br /> 'S e an t-einnsean-trèana fear Àireamh 63 'Inbhir Nis' Clas nan Diùc 4-4-0. Chaidh iad seo a thogail an toiseach sna 1870an do na prìomh thrèanaichean luchd-siubhail air an loidhne mhòir, ach mus deach am foto seo a thogail bha iad a-nis air an cur a-null gu obair na b' aotroime. Chaidh an tarraing às eadar 1907 agus 1923