Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachdan mu Bhan-fhuamhaire Ìle, Eagsa Bhuidhe na Fèidh
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_CI003
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Heather Dewar
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
2716
KEYWORDS
os-nàdarrach
uirsgeul
uirsgeulan
beul eachdraidh
beul aithris
ban-fhuamhairean
claistinneach

Get Adobe Flash player

San earrann èisteachd seo, tha Fraoch Dheòireach ag innse sgeulachdan dha Eamag NicÈideard mu Bhan-fhuamhaire Ìle, Eagsa Bhuidhe na Fèidh.

HN: Uill, Easga Bhuidhe na Fèidh, cha robh fhios a'ams dè bha sin a' ciallachadh ach 's e mar [nuair] a bha sinne beag, bha...am bitheantas daoine ag innseadh dhuinn naidheachdan tioram [timcheall] air Easga Bhuidhe na Fèidh agus 's e giantess a bh' innte, bha iad ag ràdh.

EE: Seadh.

HN: Agus tha fhios 'ad chì thu air na beanntan Diùra, air Beinn an Òir, chì thu seòrsa sgrìob fiadhaich a' sin agus tha iad ag ràdh gun e sgrìob an cailleach a tha sin agus 's e sin far an do thuirt Easga Bhuidhe na Fèidh shìos a' sin agus dh' fhàg i sin air a' bheann. Agus...bha sinne a' cluinntinn, bha i am bitheantas a'ruith[ch] as dèidh daoine òg, cha robh sinne a' tuigsinn dè bha sin a' ciallachadh anns an àm, [gàireachdainn] agus bha sinn a' smaoin[t]eachadh gun robh i a' feuchainn gan marbh. Agus tha sin ceart gu leòr, bha. Agus cuideachd, mar [nuair] a bhiodh sinn thall ann an Diùra, tha fhios 'ad, air a' chladach chitheadh thu seòrsa feamainn, feamainn beag briste agus bhiodh iad ag ràdh 'Ò 's e sin duilleagan tì Easga Bhuidhe na Fèidh.' Agus mar [nuair] a chitheadh thu na feamainn sin, tha fhios 'ad, na feadhainn fada fada fada cosail ri sreang no rudeigin, 's e sin gruag Easga Bhuidhe na Fèidh a bh' aca air sin. Agus a' sin, tha clach mòr, Clach an Daormunn shuas os cionn a' Charraig Dhubh dlùth air Arnahoe agus bha iad ag ràdh gun do thilg Easga Bhuidhe na Fèidh a' chlach sin a-nall às Diùra. Bha i fiadhaich crosda latha, bha i a' feuchainn ri faotainn greim air duine no balach no rudeigin agus theich e agus fhuair e air falbh agus bha i cho feargach thilg i a' chlach sin as a dhèidh agus land e shuas a' sin ann an Ardnahoe. Agus leis a' sin, bha sinne air ar togail le naidheachdan tioram [timcheall] air Easga Bhuidhe na Fèidh.

Ach am bliadhna, no an-uiridh, fhuair mise a-mach cò bh' innnte, tha mi a' smaoin[t]eachadh, o chionn leugh sinn an naidheachd seo tioram [timcheall] air. Bha dà bhoireannach agus chaidh iad às Ìle a-null do Dhiùra a thrusadh maorach agus bha iad a' fantail thall a' sin airs[h]on dà no trì làithean no rudeigin agus...a rèir an naidheachd bha iad thall dìreach sìos deas air Feolin eadar a' sin agus an drochaid mòr tha mi a' smaoin[t]eachadh agus bha iad a-mach a' trusadh faochagan. Agus feasgar, chaidh iad air ais, bha seòrsa hut no rudeigin aca, agus thuirt h-aon de na mnathan ris an h-aon eile 'An earraich [amharc] thusa an dèidh mo leanabh gus tig mi a-mach airs[h]on tuilleadh maorach?' 'O ni mi sin' thuirt am boireannach eile. Agus folbh a dh' fholbh i, mar [nuair] a thill i cha robh sealladh air am pàiste agus thug i an aire gun robh rudeigin car èibhinn tioram [timcheall] air am boireannach seo agus thuirt i rith[ch]e 'Cà' bheil am pàiste?' Agus cha do fhreagair i i. Agus chaidh i a-staigh don bhothan beag agus cha robh sealladh air a' phàiste agus dh' earraich [amharc] i mun chuairt agus bha poite air an teine agus bha fàileadh car grànda a' tighinn a-mach às a' phoite. Dh' earraich [amharc] i a-staigh don phoite agus dè bh' ann ach am pàiste. Uill a' sin, ghabh i eagal fiadhaich agus ruith[ch] i air folbh ach thug am boireannach eile an aire gun robh i a' teicheadh [?] agus ruith[ch] i as a dèidh agus fhuair i greim oirre, mharbh i i agus dh' ith i i a rèir costais [coltach]. Agus a' sin chaidh am boireannach seo frìth-fràth air fad chionn thòisich i a' dol air all fours, tha fhios 'ad, bha i a' coiseachd air a làmhan agus a càsan. Bha iad ag ràdh gun do chinn na h-ìnean aice cho fada gus an robh iad car cosail ri ìnean iolaire agus dh' fhàs i seòrsa ribeach cuideachd cosail ri beathach. Agus cha mhandadh duine sas bith a' dol dlùth oirre o chionn bha i a' faotainn greim orra agus bha i a' dol gan mharbh agus gan itheadh. Agus an dòigh...a thachair e, bha na feadhainn ann an Ìle, bha iad a' faotainn na mails aca tro Diùra san àm agus cha robh iad a' faotainn stuth, cha robh litir no litir a' tighinn o chionn bha an t-eagal air a h-uile duine a' tighinn a-nall air an taobh seo do Dhiùra air sgàth am boireannach. Agus aig an deireadh thall thuirt duine ri duine eile às Ìle 'Tha gunna agus cù a'adsa nach eil?' agus thuirt an darna duine 'Tha.' 'Uill' thuirt a' chiad dhuine, 'Tha gunna a'amsa agus cù a'amsa cuideachd agus bàta agus thig sinn a-nall do Dhiùra le na coin agus na gunnaichean agus cuiridh sinn às dhi[cha].'

Agus folbh a-nall a chaidh iad agus chaidh iad a-nall do Fheolin agus thuirt a' chiad dhuine 'Tha mise a' smaoin[t]eachadh gu bheil fhios 'am cà' bheil i. Fan thusa a' seo le aon chù agus do ghunna agus thig mise suas a' chnoc sin feuch am faic mi i.' Agus streap e suas a' chnoc agus dìreach mar [nuair] a bha e aig mullach a' chnoc bhuail a chàs na clachan agus folbh a dh' fholbh na clachan agus dhèan iad fuaim agus bha ise shìos foidhe agus chuala[dh] i e agus chunnaic i e agus a' sin thàinig i as a dhèidh. Ach cha robh an t-eagal air, bha gunna leis, thog e an gunna [?] agus fire e an gunna. Cha do mharbh e i agus chùm i oirre ach bha an dàrna bharrel aige thug e sin air folbh, cha do mharbh an darna h-aon i nas motha. Agus a' sin leum i air ach thoinndaich e an gunna mun chuairt agus bhuail e i le cas a' ghunna agus chuir e às dhi. Agus chaidh e air ais a dh' innse don duine eile is bha sin deireadh an naidheachd. Ach tha mise a' smaoin[t]eachadh a rèir na naidheachdan a chuala sinne mar [nuair] a bha sinne beag tha mise a' smaoin[t]eachadh gun e sin an dòigh a shùdaich an naidheachd tioram [timcheall] air Easga Bhuidhe na Fèidh agus gun e naidheachd fìor a bh' ann an toiseach. Tha mise a' smaoin[t]eachadh gun e sin boireannach a chall a ciall agus a' sin bhiodh daoine ag innseadh naidheachdan tioram [timcheall] oirre.

Tha h-aon ann, bha i a' fantail ann an uamh rathadaigean ann an Diùra agus chaidh trì no ceithir fir a-staigh thar bàta. Agus bha ise ag iarraidh iasg agus bha iasg leoth[ch]a agus ghlaoidh i riuth[ch]a 'A bheil iasg a'aibh?' 'Tha' thuirt esan, 'O uill thigibh a-staigh is bheir mi dhut copan is gheobh sibh copan agus gheobh mise iasg.' Is cha robh iadsan eòlach oirre is chaidh iad a-staigh ach aon uair 's gun deach iad a-staigh don uamh bha iad a' mothaichean nach robh rudeigin dìreach ceart leis a' bhoireannach seo. Agus aig an deireadh thall, thuirt h-aon dhiubh[cha], Dougie thuirt esan 'Feumaidh mi a' dol sìos dìreach erm eh eh...a chumail mo shùil air a' bhàta... erm eh...tha an làn a' tighinn a-staigh.' Agus folbh a dh' fholbh e agus cha robh e gu bràth tilleadh. Agus às a' sin, thuirt Iain 'Chan eil fhios dè thachair dha, 's fheàrr dhomh feuch dè tha ga chùmail, bu chòir dha a bhith air ais ma dh' fhaoidte gu bheil e ag iarraidh cuideachadh leis a' bhàta.' Is folbh a dh' fholbh esan. Agus cha robh esan gu bràth tilleadh nas motha. A' sin, thuirt Seumas 'A-nis dè thachair do na balaich? 'S fhèarr dhomh folbh, feumaidh gu bheil rudeigin ceàrr leis a' bhàta.' Is folbh a dh'fholbh esan. Agus bha an t-aon as òige air fhàgail agus thug e an aire gun robh ise, a' bhean seo, a' toirt droch shùil air agus dh' fhàs e car eagalach agus aig an deireadh thall thuirt esan ''S fheàrr dhomhsa folbh cuideachd.' Agus a' sin leum i air agus ruith[ch] e mar an [?] ise as a dhèidh agus mar a bha e chaidh e sìos don chladach agus sgreuch e a-mach do na balaich 'Cuir a-mach am bàta! Cuir a-mach am bàta!' Agus chuir iad a-mach am bàta agus bha iadsan air fad anns a' bhàta agus dìreach aig a' mhionaid mu dheireadh leum esan a-staigh agus shlaod na balaich air na ràimh agus chaidh am bàta a-mach agus chaidh ise as a dhèidh. Dìreach leum i a-staigh don uisge agus bha iad ag ràdh gun robh i air a bàthadh. Shin 'ad aon naidheachd.

EE: Seadh.

HN: Ach an naidheachd eile, tha iad ag ràdh gun do ruith[ch] esan suas na beanntan agus mar [nuair] a bha ise a' ruith[ch] as a dhèidh, gun do thuit i, bhuail i a càs air creag no rudeigin agus 's e sin cuine a thuit i a-nìos na beann agus dh' fhàg i a' sgrìob a' sin. Shin 'ad na seòrsa naidheachdan a bha iad ag innseadh tioram [timcheall] oirre.

EE: 'S e.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachdan mu Bhan-fhuamhaire Ìle, Eagsa Bhuidhe na Fèidh

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

os-nàdarrach; uirsgeul; uirsgeulan; beul eachdraidh; beul aithris; ban-fhuamhairean ; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas ÃŒle