Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
47463 a' tighinn a-steach gu Dùn Chailleann air an t-slighe gu tuath, 1986
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_452
ÀITE
Dùn Chailleann
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh
DEIT
3 An t-Iuchar 1986
LINN
1980an
CRUTHADAIR
Alex G Murdoch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27175
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
rathaidean-iarainn
HRS
Northbound 47463 entering Dunkeld, 1986

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn locomotive 47463 a' tighinn a-steach gu àrd-chabhsair air an t-slighe gu tuath aig Stèisean Dhùn Chailleann le bogsa chomharran air a cùlaibh. 'S e Clas 47 locomotive a th' anns an einnsean agus chaidh a thogail sa Chèitean 1964 mar D1586, agus chaidh a h-ath-àireamhachadh 47463 sa Ghearran 1974 agus chaidh a briseadh suas san t-Samhain 1996. Aig an àm a chaidh an dealbh-camara seo a thogail bha i stèidhichte ann an Cardiff.

Chaidh Dùn Chailleann (Biornam bho thùs) fhosgladh air 7 An Giblean 1856. Tha e 24 cilemeatair gu tuath air Peairt agus b' e an ceann-uidhe sealach airson seachd bliadhna gus an deach an loidhne a leudachadh gu Baile Chloichrigh.

Fhuair Rèile Pheairt & Dhùn Chailleann Achd Pàrlamaid air 10 An t-Iuchair 1854 airson loidhne eadar Snaim Stanlaidh agus Biornam, air taobh eil na Tatha bho Dhùn Chailleann. Bha an stèisean a' faighinn seirbheis an toiseach bho Rèile Meadhan-thìre Alba agus an uair sin Rèile an Ear-Thuath Alba mus tàinig e gu bhith na phàirt de Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

47463 a' tighinn a-steach gu Dùn Chailleann air an t-slighe gu tuath, 1986

PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh

1980an

Rèile na Gàidhealtachd; HR; rathaidean-iarainn; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn locomotive 47463 a' tighinn a-steach gu àrd-chabhsair air an t-slighe gu tuath aig Stèisean Dhùn Chailleann le bogsa chomharran air a cùlaibh. 'S e Clas 47 locomotive a th' anns an einnsean agus chaidh a thogail sa Chèitean 1964 mar D1586, agus chaidh a h-ath-àireamhachadh 47463 sa Ghearran 1974 agus chaidh a briseadh suas san t-Samhain 1996. Aig an àm a chaidh an dealbh-camara seo a thogail bha i stèidhichte ann an Cardiff.<br /> <br /> Chaidh Dùn Chailleann (Biornam bho thùs) fhosgladh air 7 An Giblean 1856. Tha e 24 cilemeatair gu tuath air Peairt agus b' e an ceann-uidhe sealach airson seachd bliadhna gus an deach an loidhne a leudachadh gu Baile Chloichrigh.<br /> <br /> Fhuair Rèile Pheairt & Dhùn Chailleann Achd Pàrlamaid air 10 An t-Iuchair 1854 airson loidhne eadar Snaim Stanlaidh agus Biornam, air taobh eil na Tatha bho Dhùn Chailleann. Bha an stèisean a' faighinn seirbheis an toiseach bho Rèile Meadhan-thìre Alba agus an uair sin Rèile an Ear-Thuath Alba mus tàinig e gu bhith na phàirt de Rèile na Gàidhealtachd