Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mòine - pàirt 1
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_PA003(1)_1
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lena McKeurtan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
2718
KEYWORDS
lùthe
connadh
beul-aithris
dòigh-beatha air eilean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chaidh taigh-staile Caol Ìle a stèidheachadh faisg air Port Asgaig ann an Ìle ann an 1846 le Eachann MacEanruig. San agallamh seo, tha Neil MacFhearghais (NM), a chuir seachad ùine mhòr ag obair ann, a' bruidhinn ri Emily Edwards (EE). Tha an agallamh na dà phàirt agus tha i ann an Gàidhlig.

Seo an tar-sgrìobhadh:

EE: Tha e air a-nis.

LM: Mur a tha an reothadh seachad tha thu a' buain a' mhòine. Ma bhuaineas tu mòine agus gun tig, gum faigheadh i an reothadh, tha i [?] a' bristeadh air folbh, bhristeadh i suas. Bha sinne a' gearradh mòine air na, suas air Bun na h-Abhainn, a' mhonadh aig Bun na h-Abhainn 'sin. Agus, mur a bha sinn ga buain, air Ardnahoe...fearainn sin. Agus 'nis, bha buaineadairean a'ad, feadhainn a' buain a' mhòine agus bha 'ad a' cleachd' fàl. 'Se fàl a tha sin, fàl mhòine. Agus 'se na feadhainn a' sgoradh...

EE: Dè tha ann an sgoradh?

LM: Tha a' sgoradh a' ciallach', tha thu, tha forc agad agus tha thu a' toirt leat, tha a' bua'dair, tha e a' gearradh an fhòid. Chan eil e cosail ris na Leòdhasaich. Tha na Leòdhasaich a' gabhail an cas ach tha na h-Ìlich, 'se an làmhan.

EE: Ó, seadh.

LM: Arms, gàirdein, làmhan...

EE: Seadh.

LM: ...a'cleachdadh. Agus tha thu a'cur an fhàl sìos air, agus a' tilgeadh air an fhòid air mullach a' bhac agus tha a' sin na sgoradairean a' toirt luachair air an fhòid. Agus 'se binn 's forc le dà chas bhig air. Ach dh'fhaodadh trì a bhith air 'sa t-sean aois bhiodh dìreach dà chas bhig oirre agus bhiodh tu a' stobadh sin a's an fhòid e agus ga cur a-mach gu snog air mullach air a' sgeir. A' chiad mòine a bheir thu a-mach às an sgeir, 'se mòine chìob am bitheantsa, tha sin a' ciallachadh tha i coinnteachaidh. Ach, 'si an ath, an fhòid fodha sin, tha i a' fàs nas dubha. 'S i mòine dhubh, agus tha ise, tha i nas fhasa a bhuain ach tha 'ad a togail nas àirde à sgeir. Nuair a tha thu a' gearradh mòine chìob an toiseach, tha thu 'dol a-mach pìos bhon sgeir agus ga leigeil a-mach air mullach an sgeir agus leis a sin tha thu a' fàgail rùm don mhòine chìob, a' mhòine dhubh agus tha thu a' cur a' mhòine dhubh sìos mar sin. Agus corra-uair ma tha doimhne math a dh' fhaoidte a' feitheamh, d'fhaoidte trì fòidean às meadhan a' bhac a's trì fòidean doimhnead 's a h-uile bac. Agus, uill, bha daonnan, chan eil fhios a'm cia mheud òirleach d'fhaoidte dusan òirleach no rudeigin ach d'fhaoidte ceithir deug tha rudeigin mar sin. Bha rùm a'ad seasamh agus beagan more, beagan thairis air a' sin, rùm a' ad seasamh air a' bhac. Ach bhiodh sinne a' gearradh a' mhòine, sìos air ais nas motha. Bha sinn a' gearradh pìos barrachd den mullach sin. 'S iadsan a'chiad rud a bha thu a' dèanadh, bha thu faotainn spaid mhòr agus bha thu a' gearradh sìos a' bhac cho fhad 's a thig a' bhac. Corra-uair tha iad fada agus chan eil thu ga dhèanadh, ma tha iad fada. Tha thu a' gearradh sin sìos dà uair, dà, cosail ri dà leud spad, eadar a' rud leis a sin tha thu a' faotainn. Tha sin ga dèanadh na deoncaichean cosail ri, abair, dà, deich, dusan òirleach mar dusan òirleach. Ghearradh iad trasda agus a' sin tha thu a' faotainn mar chnap, mar chnap. An cuala tu iomradh air an fhacal seo?

EE: Cha chuala.

LM: Uill, 'se, tha iad mar chnap, rud beag iarainn cruinn no mar sin, tha e cruinn. Tha sin air a chur, cosail ri, stave ann am balla, fiodh ann am balla. Tha e car cruinn, 'fhios a'ad, chan eil iad a' tilgeadh sìos, tha e car lùbte. Agus air mullach a tha sin, tha crossbar, agus tha sin air fad an [??] pìos crossbar...bar a' dol sìos [?] aig a' bhonn. Tha thu a' seasamh mar sin agus tha thu, do chasan...ag useadh sin air an sgroth a thoirt dheth agus tha sinne mar siud thairis ar [?] Agus tha sin a' tuiteam anns a' bhonn gu h-ìseal 's gus a bheil mullach an sgeir clear. Nach eil an stuth air fhàgail. Agus sin, tha cuid gu h-ìosal agus 'ad, nuair a tha a' mhòine air fad air a toirt a-mach, a' mhòine chìob agus sin a' mhòine dhubh, tha bonn air fhàgail agus chan eil mòine ann, tha thu a' cur na sgrothan a bha thar a' mhullach. Tha thu ga fhaotainn gu snog agus leis a sin tha thu a' cur grunnd air ais mar a bha e agus bliadhnaichean an dèidh sin chan fhaic thu gu robh mòine shìos a' sin. 'Eil thu 'tuigsinn?

EE: Tha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mòine - pàirt 1

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

lùthe; connadh; beul-aithris; dòigh-beatha air eilean; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas Ìle