- TIOTAL
- Stèisean Dhùn Robain bho dheas
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_465
- ÀITE
- Dùn Robain
- SGÌRE
- Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Goillspidh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27188
- KEYWORDS
- Rèile na Gàidhealtachd
HR
rathaidean-iarainn

Sealladh farsaing de Stèisean Dhùn Robain bho dheas. 'S dòcha gur e Sailiùn Prìobhaideach Diùc Chataibh an coidse a tha gu taobh clì an stèisein. Tha seo a-nis air a ghleidheadh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc.
Mhaoinich Diùc Chataibh mòran de thogail na loidhne eadar Goillspidh agus Bun Ilidh. B' e stèisean prìobhaideach airson dachaigh shinnsireil an Diùc a bh' ann agus bhathas a' togail agus a' fàgail luchd-turais le iarrtas. Chaidh an stèisean tùsail ath-thogail ann an 1902 a rèir dealbhachadh a rinn ailtire na h-oighreachd. Dh'fhosgail an stèisean san t-Samhain 1870 agus dhùin e air 29 An t-Samhain 1965. Chaidh fhosgladh a-rithist, mar dhearbhadh, mar Dhùn Robain air 30 An-Ògmhios 1985 agus tha e fhathast fosgailte