Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mòine - pàirt 2
EXTERNAL ID
PC_SEANCHAS_ILE_PA003(1)_2
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lena McKeurtan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Chaluim Chille Ìle
AITHNEACHADH MAOINE
2720
KEYWORDS
lùthe
connadh
beul-aithris
dòigh-beatha air eilean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chaidh taigh-staile Caol Ìle a stèidheachadh faisg air Port Asgaig ann an Ìle ann an 1846 le Eachann MacEanruig. San agallamh seo, tha Neil MacFhearghais (NM), a chuir seachad ùine mhòr ag obair ann, a' bruidhinn ri Emily Edwards (EE). Tha an agallamh na dà phàirt agus tha i ann an Gàidhlig.

Seo an tar-sgrìobhadh:

LM: So, sin agad. Uill, tha thu ga fàgail 'sin airshon...Uill, tha e a rèir seòrsa aimsir. Ma tha an aimsir math agus gu bheil a' tiormachadh math ann, uill, d'fhaoidte dhà no trì làithean. Ma tha sgrodadh oirre agus tha an fhòid sin a' fàs tioram, ma tha mullach tioram, tha am bonn daonnan fliuch, tha thu a' cur 'adsan nan seasamh suas cosail ri... wigwams.

EE: Ò, aye.

LM: Cosail ri wigwams. Agus ma tha e gu math fliuch, corra-uair nach seas i agus tha thu a' dèanadh bogsaichean dhise, paidhir mar sin, paidhir mar siud. Tha thu a' dèanadh bogsaichean. Ach 'se sin an dòigh leisg, bidh sinn ag ràdh (gàireachdainn). Tha e a' tiormachadh as fheàrr. Tha sin a' toirt seachdain no rudeigin. Dìreach ma tha an aimsir math far a' bhac mòine a-rithist agus 'feuchainn ri tiormachadh math. Ma tha i a' tiormach' cha robh sinn ag atharrach' i agus a cur nam measg air a' ghrunnd ach ma tha esan fliuch cuir' sinn e gu h-àrd. Agus tha thu a' sin gun dèanadh dha, 'se rucan tha sin, rucan beaga agus a' sin. Tha i a' fàs nas tiorma. Tha thu a' sin, rucan mòra a tha a dhith. Tha thu ga fàgail air an sgeir gus am bheil iad nan rucan mòr air fad. Tha sin a' faotainn, uill, 'se each 's cairt a b'àbhaist a bhith againn ach 'se a-nise tractors. Ach, uill, a-nis ud tha machine aca agus tha am machine a' gearradh a' mhòine. Chan eil iad a' cleachdadh fàl mhòine ach chan eil sinne ga...

EE: A bheil sin aca ann an Ìle?

LM: Chan eil na buaineadairean an-seo a' salachadh làmhan, an làmhan. Tha na Leòdhasaich, tha 'adsan gan togail na fòid sin. Tha am buaineadar a' gearradh a' mhòine le a chas, agus tha a' mhòine a' tuiteam sìos aig a' chas. Tha fhios a'ad, tha ceumadair a their sinne ris sin. Ma dh'fheumas tu a' mhòine a thogail, cuideigin nach urrainn do'n fhòid a thogail, nach urrainn do'n fhòid a thilgeil à mullach am bac. Ó feumaidh tusa ceumadair, cuideigin a thogail a' mhòine dhut, 'eil thu 'tuigsinn? Agus, tha thu a'salach' do làmhan an-sin ach cha ruig thu leas do làmhan a shalachadh buain mòine. Faodaidh tu do làmhan... Chan eil... Tha a' fàl mhòine glan. Agus, tha adharc air a ceann. 'Se, tha e mar sin. Tha iarainn mar sin, agus tha pìos mar seo agus tha sin air a chur ri pìosa maide cruinn agus air mullach am maide cruinn tha adharc bò no adharc, 's am bitheantas 'se adharc tarbh no rudeigin mar sin, cruinn. Tha thu a' breitheadh air a sin, làmh air, agus ga putadh sìos. Ach tha na Leòdhasaich air an cur air cas, air an fhàl, agus cas cha robh i againn, cas. Chan eil 'adsan a' togail a' mhòine, a' leigeil oirnne tha ceumadairean ga dhèanadh, a' mhòine. Ach, tha a' mhòine acasan beag agus square. Tha na feadhainn a'inne cosail ri sausages. Bha Leòdhasach ann shuas a' seo agus bha e ag ràdh 'se sausages a th'agaibh 'sa mhòin ud (gàireachdainn). Bha iad caol fad'. Corra-uair, tha 'ad nas leithne ach corra-uair nach eil 'ad. Tha 'ad gu snog, an size ceart a bh'ann, a ghearradh.

EE: 'S cò bha 'dol ann? An robh thu 'dol ann còmhla ri do theaghlach no? Do....?

LM: Ó bha, Ó bha. Bhiodh, b'àbhaist do, bhiodh cuideigin a' toirt dhut a cuideachadh agus bhiodh thusa a' cuideachadh iadsan agus mar a b'àbhaist cha bheireadh sin fada. Bhiodh daonnan a h-uile daoine a' cuideachadh a chèile agus uill bha sinn a' buain mòine. Cuideigin a' buain agus cuideigin eile a bharrachd. Bha thu a' cuideachadh a h-uile duine bhiodh sin ag ithe ar bidhe air a' mhonadh. Agus bha daonnan blas as fhearr air ma smaoinicheas mi air, blas as fhearr (gàireachdainn). Bha thu nad shuidhe 'sa fhraoch agus cha robh hygiene, cha robh duine sam bith a' smaointinn air hygiene.

EE: Cha robh!

LM: Chuireadh iad an aran air an fhraoch agus ag ithe, corra-uair, bhiodh, cha robh table napkins agad. Bha corra-uair 'fhios a'ad. A-nis, Ó, chan eil e fallain ma tha thu ag obair mar sin. Rud sas bith air a' bhòrd agaibh. Bha sinne, fraoch... 's feur. Bha daonnan tobar dlùth air a' mhòin, bha daonnan tobar uisge a ghabhadh òl the fhios 'ad agus bha sinn ' lìonadh na coire, na coireachan. Dè 'ghàidhlig air coire?

EE: Coireachan.

LM: Aona-choire, dhà choire, trì coire (gàireachdainn). Kettles, no?

EE: Ó, seadh.

LM: Agus dh'fheumadh thu an aire a thoirt nach fhaigheadh an toite ann. Cha bu toigh leinn blas toite air tì, cha bu toigh leinn sin. Ach, bha feadhainn aca, bha iad coma, ach cha bu toigh leamsa mur a faigheadh an toit a-staigh ann ach cha robh an toit a' faotainn a-staigh am bitheanta. Tha mi a' smaointinn gu robh na panaichean beaga aca, bha na pans bheag. Bha seann choire againn, ag goileadh an uisge agus a' cur an tì anns a' choire agus ga cur mun cuairt.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mòine - pàirt 2

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

2000an

lùthe; connadh; beul-aithris; dòigh-beatha air eilean; claistinneach

Ionad Chaluim Chille Ìle

Seanchas Ìle