Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' coimhead chun an iar bhon drochaid-choise aig Sèisean Fharrais, 1960
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_548
ÀITE
Farrais
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
14 An t-Ògmhios 1960
LINN
1960an
CRUTHADAIR
Harold D. Bowtell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27266
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
rathaidean-iarainn
Looking west from the footbridge at Forres Station, 1960

A' coimhead chun an iar bhon drochaid-choise aig Farrais, tha 45465 a' ruighinn air trèana Inbhir Nis - Glaschu agus tha 40663 air trèana 'Special' aig an àrd-chabhsair.

'S e locomotive clas 'Black 5' a th' ann an 45465 a chaidh a thogail le LMS san t-Samhain 1938. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearrann 1964. 'S e 2P 4-4-0 a bha le LMS a th'ann an 40663. Chaidh a toirt a-steach don t-seirbheis mar LMS Àir. 668 san Dùbhlachd 1931 agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1961.

Dh'fhosgail Farrais bho thùs air 25 Am Màrt 1858 air loidhne Bhaile Chèith gu Inbhir Nis. Chaidh làrach an stèisein a ghluasad air 3 An Lùnastal 1863 le bhith a' fosgladh na 'prìomh loidhne' gu deas (ged a chaidh an sònrachadh seo a chall nuair a chaidh loidhne ùr nas dìriche tro Dhrochaid Chàrr fhosgladh ann an 1898).

Thug an stèisean ùr snaim dùbailte leis an loidhne a bha ann mu thràth gus am faodadh trèanaichean à Inbhir Nis no Baile Chèith faighinn chun na loidhne gun a dhol an comhair an cùil. Bha àrd-chabhsairean air a h-uile loidhne, a' toirt cruth triantanach neo-àbhaisteach dhan stèisean.

Dhùin an t-seann phrìomh loidhne dhan Aghaidh Mhòr air 5 An t-Iuchar 1965, ged a tha an earrann eadar An Aghaidh Mhòr agus Broomhill air fhosgladh a-rithist le Rèile Srath Spè

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead chun an iar bhon drochaid-choise aig Sèisean Fharrais, 1960

MOIREIBH

1960an

Rèile na Gàidhealtachd; HR; rathaidean-iarainn

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations