Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR Àir. 12 'Belladrum' air clàr-tionndaidh aig Stèisean Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_744
ÀITE
Inbhir Nis
LINN
1870an; 1880an
CRUTHADAIR
RP 14445
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27454
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
smùid
HR No.12 'Belladrum' on a turntable at Inverness Station

Sealladh glè thràth de thaigh-cruinn Inbhir Nis le Àir. 12 'Belladrum' air a' chlàr-tionndaidh fiodha tùsail.

'S e seada einnsein air a chuir a-mach mar bhogha leis a h-uile loidhne a' dol gu clàr-tionndaidh sa mheadhan a th' ann an taigh-cruinn. 'S deagh eisimpleir a bh' ann an Inbhir Nis le 31 stàile.

B' e aon de dhà locomotive 2-2-2 a chaidh a thogail airson fosgladh Rèile inbhir Nis & Siorrachd Rois sa Chèitean 1862 a bh' ann am 'Belladrum'. San t-Sultain 1871 chaidh a h-ath-thogail na h-einnsean tanca, a h-ath-ainmeachadh 'Breadalbane' agus chaidh a cur a dh'obair air meur-loidhne Obar Pheallaidh. Ann an 1885 chaidh a h-ath-buadhachadh agus a h-ath-ainmeachadh a-rithist mar 'Strathpeffer' nuair a thàinig i gu bhith na h-einnsean meòir airson Srath Pheofhair. Rè nan atharrachaidhean sin glèidh i an t-àireamh 12 gus a deach a toirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1898.

Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR Àir. 12 'Belladrum' air clàr-tionndaidh aig Stèisean Inbhir Nis

1870an; 1880an

Rèile na Gàidhealtachd; HR; smùid

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations