Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR Àir. 103 aig an t-slghe a-steach don taigh-cruinn ann an Inbhir Nis, 1962
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_753
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
16 An t-Ògmhios 1962
LINN
1960an
CRUTHADAIR
Joanes Publications
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27462
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
einnsean smùide
an Dàrna Cogadh
HRS
HR No.103 at the entrance to the roundhouse at Inverness, 1962

Locomotive 'Big Goods' Jones glèidhte suidhichte aig an t-slighe a-steach do thaigh-cruinn Inbhir Nis.

Chaidh na 'Big Goods' a dhealbhachadh le Daibhidh Jones, Àrd-neach-stiùiridh Locomotive HR. B' iad a' chiad locomotives le òrdachadh cuibhle 4-6-0 agus aig an àm a chaidh an toirt a-steach b' iad na locomotives bu thruime agus bu chumhachdaiche san dùthaich. Chaidh Àir. 103 a thogail san t-Sultain 1894. Thàinig i gu bhith Àir. 17916 aig LMS agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Ichar 1934.

Gu fortanach, air sgàath cho sònraichte 's a bha an Clas, chaoidh Àir. 103 a chur an dàrna taobh le LMS agus chaidh a h-ath-peantadh ann an 1935-36. Cha do thachair tubaist sam bith dhith san Dàrna Cogadh agus chaidh a dèanamh suas as ùr ann an 1959. Bha i air a cleachdadh airson trèanaichean sònraichte a tharraing, gu h-àraidh airson a' phrògram T.Bh. 'Railway Roundabout' agus airson subhachas Ceud Bliadhna HR. Chaidh i an uair sin ann an "cluaineas" agus aig an àm a chaidh seo a sgrìobhadh (2009) tha i air a taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR Àir. 103 aig an t-slghe a-steach don taigh-cruinn ann an Inbhir Nis, 1962

1960an

Rèile na Gàidhealtachd; HR; einnsean smùide; an Dàrna Cogadh; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations