Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Locomotives ann an Taigh-cruinn Inbhir Nis, 1960
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_762
ÀITE
Inbhir Nis
DEIT
14 An Lùnastal 1960
LINN
1960an
CRUTHADAIR
AT H Edwards
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27471
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
einnsean smùide
CR
Rèile Chaledonia
HRS
Locomotives in Inverness Roundhouse, 1960

Taigh-cruinn Inbhir Nis le dìosailean Clas 24 agus clas 29 agus 0-4-4Tan 55236 agus 55199 a bha le CR roimhe.

'S e seada einnsein air a chuir a-mach mar bhogha leis a h-uile loidhne a' dol gu clàr-tionndaidh sa mheadhan a th' ann an taigh-cruinn. 'S deagh eisimpleir a bh' ann an Inbhir Nis le 31 stàile.

'S e Clas '439' 0-4-4Tan a bha le CR roimhe a th' anns an dà locomotive smùide. Chaidh an tè as fhaisge air a' chamara a thogail san t-Samhain 1909 mar Àir. 456 mus robh i Àir. 15199 aig LMS agus an uair sin BR Àir. 55199. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Iuchar 1961.

Ged a tha i den aon chlas chaidh an locomotive eile a thogail bliadhnachan an dèidh sin, san t-Samhainn 1922 mar CR Àir. 436. Thàinig i gu bhith Àir. 15236 aig LMS agus an uair sin Àir. 55236 aig BR ach mhair i beagan mhìosan nas fhaide agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1961. An dèidh dha smùid crìonadh b' e na 'Type 2s' (ris an canar an 'Clas 24' agus 'Clas 26' an dèidh seo) na prìomh thrèanaichean seirbheis air loidhnichean na Gàidhealtachd.

Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Locomotives ann an Taigh-cruinn Inbhir Nis, 1960

1960an

Rèile na Gàidhealtachd; HR; einnsean smùide; CR; Rèile Chaledonia; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations