Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana tron oidhche san àrd-chabhsair a tuath ann an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_767
ÀITE
Inbhir Nis
CRUTHADAIR
LPC
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27476
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
Overnight train in the north platform at Inverness

Sealladh trang air an àrd-chabhsair a tuath ann an Stèisean Inbhir Nis anns na ciad bhliadhnachan den 20mh Linn. Air an làimh chlì tha an trèana tron oidhche bho dheas agus tha cuid den luchd-siubhail a' cumail orra len turas anns an trèana gu Caol Loch Aillse air an làimh dheis. Chithear trèana Obar Dheathain pìos air falbh.

Bha an dòigh caran neo-àbhaisteach anns an robh na loidhnichean goireasach oir a thuilleadh air beagan choidsichean troimhe, b' ee Inbhir Nis an ceann-uidhe airson a h-uile trèana. Gus iomlaid luchd-siubhail a dhèanamh comasach, thàinig e gu bhith na chleachdadh trèanaichean bho dheas a chur taobh lùib Sràid an Ròis far an robh iad a' dol a-steach dhan phàirt a tuath den stèisean an comhair an cùil. Bha an aon sheòrsa rud a' tachairt le trèanaichean bho thuath, ach bha trèanaichean bho loidhne Bhaile Chèith mar bu trice a' ruith dìreach gu àrd-chabhsair anns a' phàirt a deas. Bha ìrean mar seo de sheirbheis luchd-ceannach cudromach anns na làithean sin.

Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana tron oidhche san àrd-chabhsair a tuath ann an Inbhir Nis

Rèile na Gàidhealtachd; HR

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Sealladh trang air an àrd-chabhsair a tuath ann an Stèisean Inbhir Nis anns na ciad bhliadhnachan den 20mh Linn. Air an làimh chlì tha an trèana tron oidhche bho dheas agus tha cuid den luchd-siubhail a' cumail orra len turas anns an trèana gu Caol Loch Aillse air an làimh dheis. Chithear trèana Obar Dheathain pìos air falbh.<br /> <br /> Bha an dòigh caran neo-àbhaisteach anns an robh na loidhnichean goireasach oir a thuilleadh air beagan choidsichean troimhe, b' ee Inbhir Nis an ceann-uidhe airson a h-uile trèana. Gus iomlaid luchd-siubhail a dhèanamh comasach, thàinig e gu bhith na chleachdadh trèanaichean bho dheas a chur taobh lùib Sràid an Ròis far an robh iad a' dol a-steach dhan phàirt a tuath den stèisean an comhair an cùil. Bha an aon sheòrsa rud a' tachairt le trèanaichean bho thuath, ach bha trèanaichean bho loidhne Bhaile Chèith mar bu trice a' ruith dìreach gu àrd-chabhsair anns a' phàirt a deas. Bha ìrean mar seo de sheirbheis luchd-ceannach cudromach anns na làithean sin.<br /> <br /> Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.