Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An 3mh Buidheann-catha Am Freiceadan Dubh, Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba
EXTERNAL ID
AB_BLACKWATCH_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
3 An Dùbhlachd 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
275
KEYWORDS
saighdearan
rèisimeidean
buidhnean-catha
Am Freiceadan Dubh
caismeachdan
cogaidhean
aodach-airm
The Black Watch 3rd Battalion, The Royal Regiment of Scotland

Thòisich Am Freiceadan Dubh mar chompanaidhean neo-eisimeileach a chaidh an togail sna 1720an le Seanailear Wade airson a' Ghàidhealtachd a' ghèardadh. Fhuair na companaidhean an t-ainm 'Am Freiceadan Dubh' no 'The Black Watch' bhon taran dorch-uaine a thug an riaghalttas dhaibh. Chaidh na companaidhean neo-eisimeileach còmhla gus an 43mh Rèisimeid Gàidhealach a chruthachadh agus an uair an 42na Gàidheil Rìoghail. Ann an 1881 chaidh an 42na (Gàidheal Rìoghail) Rèisimeid Coise (Am Freiceadan Dubh) a chur còmhla ris an 73mh Coise (Siorrachd Pheairt) gus an Rèisimeid Rìoghail Gàidhealach (Am Freiceadan Dubh) a dhèanamh.

Ann an 2006 thàinig a h-uile rèisimeid airm ann an Alba còmhla gus Rèisimeid Rìoghail na h-Alba a chruthachadh agus b' e Am Freiceadan Dubh, 3mh Buidheann-catha, Rèisimeid Rìoghail na h-Alba, a bh' anns Am Freiceadan Dubh.

Bho 2007 tha stèidh a' bhuidhinn-catha ann an Alba air a bhith aig Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis. San t-Samhain 2009 thill am buidheann mu dheireadh de shaighdearan bho Am Freiceadan Dubh, a bha air a bhith ann an Afganastan, dhachaigh. Gus taing a thoirt dhan mhòr-bhaile airson an taic a chaidh a thoirt dha na saighdearan, rinn am buidheann-catha caismeachd bhon t-Sràid Àrd chun a' Chathair-eaglais airson seirbheis shònraichte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An 3mh Buidheann-catha Am Freiceadan Dubh, Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

saighdearan; rèisimeidean; buidhnean-catha; Am Freiceadan Dubh; caismeachdan; cogaidhean; aodach-airm

Am Baile

Thòisich Am Freiceadan Dubh mar chompanaidhean neo-eisimeileach a chaidh an togail sna 1720an le Seanailear Wade airson a' Ghàidhealtachd a' ghèardadh. Fhuair na companaidhean an t-ainm 'Am Freiceadan Dubh' no 'The Black Watch' bhon taran dorch-uaine a thug an riaghalttas dhaibh. Chaidh na companaidhean neo-eisimeileach còmhla gus an 43mh Rèisimeid Gàidhealach a chruthachadh agus an uair an 42na Gàidheil Rìoghail. Ann an 1881 chaidh an 42na (Gàidheal Rìoghail) Rèisimeid Coise (Am Freiceadan Dubh) a chur còmhla ris an 73mh Coise (Siorrachd Pheairt) gus an Rèisimeid Rìoghail Gàidhealach (Am Freiceadan Dubh) a dhèanamh.<br /> <br /> Ann an 2006 thàinig a h-uile rèisimeid airm ann an Alba còmhla gus Rèisimeid Rìoghail na h-Alba a chruthachadh agus b' e Am Freiceadan Dubh, 3mh Buidheann-catha, Rèisimeid Rìoghail na h-Alba, a bh' anns Am Freiceadan Dubh.<br /> <br /> Bho 2007 tha stèidh a' bhuidhinn-catha ann an Alba air a bhith aig Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis. San t-Samhain 2009 thill am buidheann mu dheireadh de shaighdearan bho Am Freiceadan Dubh, a bha air a bhith ann an Afganastan, dhachaigh. Gus taing a thoirt dhan mhòr-bhaile airson an taic a chaidh a thoirt dha na saighdearan, rinn am buidheann-catha caismeachd bhon t-Sràid Àrd chun a' Chathair-eaglais airson seirbheis shònraichte.