Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àir. 103 air an trèana speisealta 9.00m a' fàgail airson Peairt
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_803
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
15 Ògmhios 1960
LINN
1960an
CRUTHADAIR
Harold D. Bowtell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27511
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
einnsean smùide
SLS
No. 103 on the 9.00am special departure for Perth

Àir. 103 'Big Goods' Jones os cionn trèana speisealta 9.00m a' fàgail airson Peairt.

Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narann stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte

Chaidh na 'Big Goods' a dhealbhachadh le Daibhidh Jones, Àrd-neach-stiùiridh Locomotive HR. B' iad a' chiad locomotives le òrdachadh cuibhle 4-6-0 agus aig an àm a chaidh an toirt a-steach b' iad na locomotives bu thruime agus bu chumhachdaiche san dùthaich. Chaidh Àir. 103 a thogail san t-Sultain 1894. Thàinig i gu bhith Àir. 17916 aig LMS agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Ichar 1934.

Gu fortanach, air sgàath cho sònraichte 's a bha an Clas, chaoidh Àir. 103 a chur an dàrna taobh le LMS agus chaidh a h-ath-peantadh ann an 1935-36. Cha do thachair tubaist sam bith dhith san Dàrna Cogadh agus chaidh a dèanamh suas as ùr ann an 1959. Bha i air a cleachdadh airson trèanaichean sònraichte a tharraing, gu h-àraidh airson a' phrògram T.Bh. 'Railway Roundabout' agus airson subhachas Ceud Bliadhna HR. Chaidh i an uair sin ann an "cluaineas" agus aig an àm a chaidh seo a sgrìobhadh (2009) tha i air a taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Chaidh an dealbh camar seo a thogail aig àm turas-rèile den Ghàidhealtachd le Comann Locomotive Stevenson, a tha a' toirt cunntas carson a tha uiread de dh'fhireannaich singilte le camarathan a' dol mun cuairt. Bha dà choidse air an dèanamh suas as ùr a bha le Rèile Chaledonia roimhe mar phàirt den trèana agus chithear iad ann an cuid de dheilbh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àir. 103 air an trèana speisealta 9.00m a' fàgail airson Peairt

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

Rèile na Gàidhealtachd; HR; einnsean smùide; SLS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations