Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid-rèile Inbhir Nis ga ath-togail ann an 1990
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_819
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
9 Giblean 1990
LINN
1990an
CRUTHADAIR
JRH Cormack
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27527
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
HR
Ness Viaduct, being rebuilt in 1990

Drochaid-rèile Inbhir Nis ga ath-togail ann an 1990.

Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narann stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte

Tha an 'Loidhne a Tuath' a' lùbadh gu teann nuair a dh' fhàgas i Inbhir Nis agus an uair sin tha i a' dol thairis air Abhainn Nis, an aon cheangal rèile gu ceann a tuath na h-Alba. B' e sreath de chòig bhoghanan cloiche a bh' anns an drochaid thùsail a chaidh a thogail ann an 1862 ach thuit i ann an tuil sa Ghearran 1989. Aig an àm a thuit i bha a h-uile locomotive airson an loidhne a tuath anns an ionad ann an Inbhir Nis. Mar sin chaidh aon locomotive a' giùlan air làraidh thar Drochaid Waterloo a bha ri a taobh, a cur air na rèilichean agus chaidh pàirt den t-seirbheis a chumail a' dol. Chaidh Drochaid-rèile Inbhir Nis, a chithear san dealbh camara, a thogail ann an 1989 agus 's e drochaid-reile spàrr aon-phìos a th' innte. Bha i ro-chumte agus chaidh a togail gu luath gus an deigheadh làn sheirbheis a thoirt dhan cheann a tuath a-rithist.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid-rèile Inbhir Nis ga ath-togail ann an 1990

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

Rèile na Gàidhealtachd; HR

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Drochaid-rèile Inbhir Nis ga ath-togail ann an 1990.<br /> <br /> Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narann stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte<br /> <br /> Tha an 'Loidhne a Tuath' a' lùbadh gu teann nuair a dh' fhàgas i Inbhir Nis agus an uair sin tha i a' dol thairis air Abhainn Nis, an aon cheangal rèile gu ceann a tuath na h-Alba. B' e sreath de chòig bhoghanan cloiche a bh' anns an drochaid thùsail a chaidh a thogail ann an 1862 ach thuit i ann an tuil sa Ghearran 1989. Aig an àm a thuit i bha a h-uile locomotive airson an loidhne a tuath anns an ionad ann an Inbhir Nis. Mar sin chaidh aon locomotive a' giùlan air làraidh thar Drochaid Waterloo a bha ri a taobh, a cur air na rèilichean agus chaidh pàirt den t-seirbheis a chumail a' dol. Chaidh Drochaid-rèile Inbhir Nis, a chithear san dealbh camara, a thogail ann an 1989 agus 's e drochaid-reile spàrr aon-phìos a th' innte. Bha i ro-chumte agus chaidh a togail gu luath gus an deigheadh làn sheirbheis a thoirt dhan cheann a tuath a-rithist.