Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
DMU agus GNSR 49 ann am Baile Chè, Ògmhios 1960.
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_849
ÀITE
Baile Chè
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
An t-Ògmhios 1960
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27554
KEYWORDS
stèiseanan rèile
Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
locothan
einnseanan
A DMU and GNSR 49 at Keith, June 1960

San deilbh seo, chithear DMU (Ioma-aonad Diesel - Diesel Multiple Unit) agus GNSR 49 ann am Baile Chè san Ògmhios 1960.

Tha stèisean Bhaile Chè air an loidhne eadar Obar Dheadhain is Inbhir Nis. Bha e aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an toiseach agus is e Ceann-loidhne (junction) Bhaile Chè an t-ainm a bh' air an toiseach. 'S ann an seo a bha Rathad-iarainn na Gàidhealtachd agus Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland) a' tighinn ri chèile. Dh'fhosgail e san Lùnastal 1858.

Chaidh GNSR 49 a thogail an an 1920 le North British Locomotive Company ann an Glaschu agus b' e seo fear de na locothan luchd-siubhail mu dheireadh a chaidh a dhealbhadh do Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland). Às dèidh do na companaidhean rèile a bhith gan cur còmhla (an "grouping"), is e LNER 2277 a bh' ann.

Is e "an Saighdear" am far-ainm a bh' air. Chaidh a thoirt a-mach à seirbheis agus a ghlèidheadh ann an 1958. Chaidh a chleachdadh airson tursan rèile-smùid gus an Ògmhios 1966 nuair a chaidh a chur ann an Taigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

DMU agus GNSR 49 ann am Baile Chè, Ògmhios 1960.

MOIREIBH

1960an

stèiseanan rèile; Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean; locothan; einnseanan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations