Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
GNSR 49 air turas rèile ann am Baile Chè, Ògmhios 1960
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_855
ÀITE
Baile Chè
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
14 Ògmhios 1960
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27560
KEYWORDS
stèiseanan rèile
trèanaichean
locothan
einnseanan
GNSR 49 on a rail tour at Keith, June 1960

San deilbh seo, chithear GNSR 49 air turas rèile ann am Baile Chè san Ògmhios 1960.

Tha stèisean Bhaile Chè air an loidhne eadar Obar Dheadhain is Inbhir Nis. Bha e aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an toiseach agus is e Ceann-loidhne (junction) Bhaile Chè an t-ainm a bh' air an toiseach. 'S ann an seo a bha Rathad-iarainn na Gàidhealtachd agus Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland) a' tighinn ri chèile. Dh'fhosgail e san Lùnastal 1858.

Chaidh GNSR 49 a thogail an an 1920 le North British Locomotive Company ann an Glaschu agus b' e seo fear de na locothan luchd-siubhail mu dheireadh a chaidh a dhealbhadh do Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland). Às dèidh do na companaidhean rèile a bhith gan cur còmhla (an "grouping"), is e LNER 2277 a bh' ann.

Is e "an Saighdear" am far-ainm a bh' air. Chaidh a thoirt a-mach à seirbheis agus a ghlèidheadh ann an 1958. Chaidh a chleachdadh airson tursan rèile-smùid gus an Ògmhios 1966 nuair a chaidh a chur ann an Taigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

GNSR 49 air turas rèile ann am Baile Chè, Ògmhios 1960

MOIREIBH

1930an

stèiseanan rèile; trèanaichean; locothan; einnseanan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations