Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14279 ri shuntadh sa Chaol, an t-Ògmhios 1927
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_943
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
20 An t-Ògmhios 1927
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27641
KEYWORDS
stèisean-rèile
stèisesanan rathad-iarainn
locothan
trèanaichean
LMS 14279 shunting at Kyle, June 1927

San deilbh seo, chithear LMS 14279 agus e ri shuntadh sa Chaol san Ògmhios 1927.

Bha an loco seo air aon den "Skye Bogie Class" aig rathad-iarainn na Gàidhealtachd. Chaidh iad seo a thogail gus obrachadh air an loidhne eadar Inbhir Pheofharain don Eilean Sgitheanach. Chaidh a thogail ann an 1893 leis an àireamh HR 86. Chaidh àireamhan ùra a thoirt dha dà thuras: 86A sa Ghiblean 1918 agus 86 a-rithist san t-Sultain 1919. Às dèidh "a' bhuidhneachaidh" (grouping), chaidh an àireamh LMS 14279 a thoirt dha agus lean e air gus an deach a thoirt à seirbheis san Dàmhair 1927.

Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin.

Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14279 ri shuntadh sa Chaol, an t-Ògmhios 1927

ROS: Loch Aillse

1920an

stèisean-rèile; stèisesanan rathad-iarainn; locothan; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations