Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 1 anns a' Chaol agus camara-cine ceangailte ris a' chrann-bufair aige
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_966
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27663
KEYWORDS
stèisean-rèile
stèisesanan rathad-iarainn
Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
HRS
locothan
HR 1 at Kyle with a cine camera fitted to its buffer beam

San deilbh seo, chithear HR 1 anns a' Chaol agus camara-cine ceangailte ris a' chrann-bufair aige. Bha HR 1 'Ben-y-Gloe' air aon den chlas air a bheil na Small Bens. Chaidh a thogail le Dubs & Co. ann an Glaschu agus thòisich e ann an seirbheis san Iuchar 1898. Chaidh an àireamh 14397 a thoirt dha leis an LMS agus lean e ann an seirbheis gus an deach a thoirt à seirbheis sa Ghearran 1949. Bha an t-ainm 'Ben Nevis' air nuair a chaidh a thogail an toiseach ach chaidh seo atharrachadh ann an ùine nach robh fada. Chaidh ainm a litreachadh ann an diofar dhòighean tro na bliadhnaichean: 'Ben y-Gloe' agus 'Ben y'Gloe'. Chaidh an àireamh 54397 a thoirt dha le BR.

Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin.

Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 1 anns a' Chaol agus camara-cine ceangailte ris a' chrann-bufair aige

ROS: Loch Aillse

stèisean-rèile; stèisesanan rathad-iarainn; Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd; HRS; locothan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San deilbh seo, chithear HR 1 anns a' Chaol agus camara-cine ceangailte ris a' chrann-bufair aige. Bha HR 1 'Ben-y-Gloe' air aon den chlas air a bheil na Small Bens. Chaidh a thogail le Dubs & Co. ann an Glaschu agus thòisich e ann an seirbheis san Iuchar 1898. Chaidh an àireamh 14397 a thoirt dha leis an LMS agus lean e ann an seirbheis gus an deach a thoirt à seirbheis sa Ghearran 1949. Bha an t-ainm 'Ben Nevis' air nuair a chaidh a thogail an toiseach ach chaidh seo atharrachadh ann an ùine nach robh fada. Chaidh ainm a litreachadh ann an diofar dhòighean tro na bliadhnaichean: 'Ben y-Gloe' agus 'Ben y'Gloe'. Chaidh an àireamh 54397 a thoirt dha le BR.<br /> <br /> Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin. <br /> <br /> Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.