Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
PS Lovedale aig Cidhe Chaol Loch Aillse, an t-Samhain 1897
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_979
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
2 An t-Samhain 1897
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27671
KEYWORDS
stèisean-rèile
stèisesanan rathad-iarainn
aiseagan
cidheachan
PS Lovedale at Kyle of Lochalsh pier, November 1897

Chaidh an dealbh seo de chala Chaol Loch Aillse a thogail air an latha a dh'fhosgail an Rathad-iarainn Leudachaidh eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse. Tha am bàta-smùid pleadhaig 'Lovedale' ri a taobh.

Cheannaich David MacBrayne Eta an stiomair 'Great Western' airson a chleachdadh air slighe an Great Western Railway Company eadar Port Rìgh agus Port an t-Sròim. Bha dà fhuineall agus dà chrann aig a' bhàta seo a chaidh a thogail airson tursan tar-chaolais. Às dèidh atharrachaidhean ann an 1893, nochd i mar soitheach le aon fhuineall agus leis an ainm ùr 'Lovedale'. Às dèidh dùnadh cidhe Phort an t-Sròim ann an 1897, chaidh a cur air an t-slighe eadar Port Rìgh agus Caol Loch Aillse. Ann an 1901, sheòl an Lovedale bho Phort Rìgh don Chaol agus an uair sin don chala ùr ann am Mallaig airson coinneachadh ri trèana Ghlaschu. Ann an 1903, chaidh a cur air na slighean ann an Ìle mus deach a briseadh air an ath bliadhna.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

PS Lovedale aig Cidhe Chaol Loch Aillse, an t-Samhain 1897

ROS: Loch Aillse

1890an

stèisean-rèile; stèisesanan rathad-iarainn; aiseagan; cidheachan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Chaidh an dealbh seo de chala Chaol Loch Aillse a thogail air an latha a dh'fhosgail an Rathad-iarainn Leudachaidh eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse. Tha am bàta-smùid pleadhaig 'Lovedale' ri a taobh. <br /> <br /> Cheannaich David MacBrayne Eta an stiomair 'Great Western' airson a chleachdadh air slighe an Great Western Railway Company eadar Port Rìgh agus Port an t-Sròim. Bha dà fhuineall agus dà chrann aig a' bhàta seo a chaidh a thogail airson tursan tar-chaolais. Às dèidh atharrachaidhean ann an 1893, nochd i mar soitheach le aon fhuineall agus leis an ainm ùr 'Lovedale'. Às dèidh dùnadh cidhe Phort an t-Sròim ann an 1897, chaidh a cur air an t-slighe eadar Port Rìgh agus Caol Loch Aillse. Ann an 1901, sheòl an Lovedale bho Phort Rìgh don Chaol agus an uair sin don chala ùr ann am Mallaig airson coinneachadh ri trèana Ghlaschu. Ann an 1903, chaidh a cur air na slighean ann an Ìle mus deach a briseadh air an ath bliadhna.