Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 2695 aig seada Chaol Loch Aillse, an t-Iuchar 1946
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_992
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
16 An t-Iuchar 1946
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27682
KEYWORDS
stèisean-rèile
stèisesanan rathad-iarainn
locothan
LMS 2695 at Kyle shed, July 1946

San deilbh seo, chithear LMS 2695 ann an seada Chaol Loch Aillse san Iuchar 1946. Chaidh an loco, einnsein-tanca 2-6-4, a thogail ann an Derby ann an 1945 mar phàirt de chlas 4P-C an LMS. Chaidh a thoirt à seirbheis ann an 1964.

Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin.

Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 2695 aig seada Chaol Loch Aillse, an t-Iuchar 1946

ROS: Loch Aillse

1940an

stèisean-rèile; stèisesanan rathad-iarainn; locothan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San deilbh seo, chithear LMS 2695 ann an seada Chaol Loch Aillse san Iuchar 1946. Chaidh an loco, einnsein-tanca 2-6-4, a thogail ann an Derby ann an 1945 mar phàirt de chlas 4P-C an LMS. Chaidh a thoirt à seirbheis ann an 1964.<br /> <br /> Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin. <br /> <br /> Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.