Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
4992 is 44799, aig seada Chaol Loch Aillse, an t-Sultain 1959
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_994
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
10 An t-Sultain 1959
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27684
KEYWORDS
stèisean-rèile
stèisesanan rathad-iarainn
Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
HRS
locothan
44992 and 44799 at Kyle shed, September 1959

San deilbh seo, chithear dà loco "Black 5", 44992 agus 44799, ann an seada Chaol Loch Aillse anns an t-Sultain 1959.

Chaidh na locothan 'Clas 5' a dhealbhadh le Uilleam Stanier. Chaidh 842 de na locothan seo, na Black 5s mar a th' aig daoine orra, a thogail eadar 1934 agus 1951.

Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin.

Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

4992 is 44799, aig seada Chaol Loch Aillse, an t-Sultain 1959

ROS: Loch Aillse

1950an

stèisean-rèile; stèisesanan rathad-iarainn; Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd; HRS; locothan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations