- TIOTAL
- 45361aig seada Chaol Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_995
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27685
- KEYWORDS
- stèisean-rèile
stèisesanan rathad-iarainn

San deilbh seo, chithear Black Five, 45361, ann an seada Chaol Loch Aillse.
Chaidh na locothan 'Clas 5' a dhealbhadh le Uilleam Stanier. Chaidh 842 de na locothan seo, na Black 5s mar a th' aig daoine orra, a thogail eadar 1934 agus 1951.
Is e Caol Loch Aillse an ceann-loidhne aig an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus an Caol. Chaidh an stèisean fhosgladh san t-Samhain 1897. Roimhe sin, b' e Port an t-Sròim ceann na loidhne. B' e an leudachadh de 10 mìle eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse, a chosg £250,000 a thogail, an rathad-iarainn as cosgaile a chaidh a thogail riamh aig an àm sin.
Chaidh an stèisean, an gàrradh-bathair, na taobh-loidhnichean, na seadaichean-einnsein agus toglaichean co-cheangailte ri gnìomhachas an èisg uile a thogail air talamh far an robh creag cruaidh ann a dh'fheumadh iad spreadhadh air falbh. Sguir seirbheisean bathair sa Chaol san Lùnastal 1983.