- TIOTAL
- Trèana shònraichte a' toirt uisge air bòrd sa Bhlàr Dhubh, An t-Ògmhios 1960
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_1083
- ÀITE
- Am Blàr Dubh
- SGÌRE
- Am Blàr Dubh
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Urrath
- DEIT
- 14 An t-Ògmhios 1960
- LINN
- 1960an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27766
- KEYWORDS
- stèiseanan rèile
trèanaichean

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn trèana shònraichte luchd-dealasach a' toirt uisge air bòrd san Ògmhios 1960. B' i an trèana mu dheireadh a ruith air loidhne meòir An Eilein Dhuibh (Na Cananaich).
Air 11 An t-Ògmhios 1862 dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain. Bha seo a' gabhail a-steach stèisean ann am baile Tharbhdail agus cho-dhùin an companaidh ainmeachadh an dèidh a' mhargaidh chruidh faisg air làimh, Am Blàr Dubh. An ceann ùine chaidh an t-ainm Am Blàr Dubh a thoirt air an sgìre mun cuairt.