Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
BR 45173 agus 54439 sa Bhlàr Dhubh, An t-Sultain 1949
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1086
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
DEIT
19 Sultain 1949
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27769
KEYWORDS
stèiseanan rèile
locomotaibhean
trèanaichean
BR 45173 and 54439 at Muir of Ord, September 1949

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn dà locomotaibh le Rèile Bhreatainn sa Bhlàr Dhubh san t-Sultain 1949. Air an làimh chlì tha an Clas 5, 45173, air trèana dhan Chaol. Air an làimh dheis tha 54439, locomotaibh 4-4-0 a bha le Rèile Chaledonia roimhe, air loidhne meòir an Eilein Dhuibh.

Chaidh na locomotaibhean Clas 5 a dhealbhachadh dhan LMS le Uilleam Stanier. Dh'aithnichear iad sa chumantas mar na 'Black Fives'. Chaidh 842 a thogail eadar 1934 agus 1951. Chaidh 45173 a thogail ann an 1935 agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1964. Chaidh 54439 a thogail ann an 1908 agus a toirt a-mach à seirbheis ann an 1958.

Air 11 An t-Ògmhios 1862 dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain. Bha seo a' gabhail a-steach stèisean ann am baile Tharbhdail agus cho-dhùin an companaidh ainmeachadh an dèidh a' mhargaidh chruidh faisg air làimh, Am Blàr Dubh. An ceann ùine chaidh an t-ainm Am Blàr Dubh a thoirt air an sgìre mun cuairt.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

BR 45173 agus 54439 sa Bhlàr Dhubh, An t-Sultain 1949

ROS: Urrath

1940an

stèiseanan rèile; locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn dà locomotaibh le Rèile Bhreatainn sa Bhlàr Dhubh san t-Sultain 1949. Air an làimh chlì tha an Clas 5, 45173, air trèana dhan Chaol. Air an làimh dheis tha 54439, locomotaibh 4-4-0 a bha le Rèile Chaledonia roimhe, air loidhne meòir an Eilein Dhuibh. <br /> <br /> Chaidh na locomotaibhean Clas 5 a dhealbhachadh dhan LMS le Uilleam Stanier. Dh'aithnichear iad sa chumantas mar na 'Black Fives'. Chaidh 842 a thogail eadar 1934 agus 1951. Chaidh 45173 a thogail ann an 1935 agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1964. Chaidh 54439 a thogail ann an 1908 agus a toirt a-mach à seirbheis ann an 1958.<br /> <br /> Air 11 An t-Ògmhios 1862 dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain. Bha seo a' gabhail a-steach stèisean ann am baile Tharbhdail agus cho-dhùin an companaidh ainmeachadh an dèidh a' mhargaidh chruidh faisg air làimh, Am Blàr Dubh. An ceann ùine chaidh an t-ainm Am Blàr Dubh a thoirt air an sgìre mun cuairt.