Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seada-bathair Inbhir Narann on àrd-ùrlar shuas, ceann an iar, Lùnastal 1995
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1106
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
An Lùnastal 1995
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27787
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
The Goods Shed at Nairn from the up platform, west end, August 1995

San dealbh-chamara seo chithear an seada-bathair a bh' ann an Inbhir Narann, o cheann an iar an àrd-ùrlair shuas, san Lùnastal 1995.

Chaidh Stèisean Inbhir Narann fhosgladh ann an 1855 na cheann-uidhe dhan ear aig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann (I&NR), rèile a bha a' ceangal an dà bhaile sin. Ann an 1861 thàinig an I&NR gu bhith na phàirt de Rèile Gobhail Inbhir Nis is Obar Dheathain, agus ann an 1865 thàinig sin fhèin a bhith na phàirt de Rèile na Gàidhealtachd. Tha seirbheis chunabhalach de threanaichean luchd-siubhail fhathast air loidhne Inbhir Nis - Inbhir Narann, ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983. Chaidh an seada-bathair a thoirt às a chèile agus gabhaidh e fhaicinn an-diugh aig Stèisean Drochaid Dhun a th' aig an Rèile Chailleannaich, companaidh glèidhteachais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seada-bathair Inbhir Narann on àrd-ùrlar shuas, ceann an iar, Lùnastal 1995

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1990an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh-chamara seo chithear an seada-bathair a bh' ann an Inbhir Narann, o cheann an iar an àrd-ùrlair shuas, san Lùnastal 1995.<br /> <br /> Chaidh Stèisean Inbhir Narann fhosgladh ann an 1855 na cheann-uidhe dhan ear aig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann (I&NR), rèile a bha a' ceangal an dà bhaile sin. Ann an 1861 thàinig an I&NR gu bhith na phàirt de Rèile Gobhail Inbhir Nis is Obar Dheathain, agus ann an 1865 thàinig sin fhèin a bhith na phàirt de Rèile na Gàidhealtachd. Tha seirbheis chunabhalach de threanaichean luchd-siubhail fhathast air loidhne Inbhir Nis - Inbhir Narann, ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983. Chaidh an seada-bathair a thoirt às a chèile agus gabhaidh e fhaicinn an-diugh aig Stèisean Drochaid Dhun a th' aig an Rèile Chailleannaich, companaidh glèidhteachais.