Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Bhaile Ùr an t-Slèibh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1150
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27806
KEYWORDS
Newtonmore Station

Suidhichte aig ceann a deas Bhàideanaich agus Srath Spè air na raointean as àirde ann an Spè, chan eil lorg air baile aig Baile Ùr an t-Slèibh ro thoiseach an 19mh linn. Tha coltas gu robh tuineachaidhean ro-eachdraidheil agus bailtean tràth faisg. B' ann an dèidh dhan drochaid a bhith air a togail tarsainn air an Spè ann an 1756 agus na Fuadaichean aig deireadh an ochdamh linn deug, a thogadh clachan air an rathad ùr gu tuath. A rèir An Treas Cunntas Àireamhail chuireadh am baile air bhonn le Seumas Mac a' Phearsain, mac Sheumais Mhic a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" bàrdachd Ossian. An toiseach, b' e Stonemuir a bha air ach dh'atharraicheadh an t-ainm ann an 1828 gu Baile ùr an t-Slèibh.

Aig toiseach an 19mh linn chumadh na margaidhean as motha eadar Inbhir Nis agus An Eaglais Bhreac. Le ùidh na Banrìgh Bhioctoria sa Ghàidhealtachd, thadhail I air Àird Mhairgidh a tha faisg air agus smaoinich I air a cheannach. Dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar bhaile-turasachd,le sealg agus iasgach dha na daoine-uasal air na h-oighreachdan mòra.

Aig 800troigh os cionn na mara, agus Am Monadh Liath a' toirt fasgadh bhon ghaoith a tuath agus air a dhìon leis a' Mhonadh Liath agus leis a' Mhonadh Ruadh, thathar a' meas gur e am baile sàmhach, traidiseanta seo a' chuid as fhaide a-staigh air an dùthaich ann an Alba. Tha e astar co-ionnan bhon Chuan Siar agus bhon Chuan a Tuath agus 's e fear de na h-àiteachan as tiorama anns an rìoghachd. Rinn an t-sìde e na ionad làithean-saora airson slàinte agus bho chionn beagan bhliadhnaichean tha e air a bhith na phrìomh-àite fiolmaidh airson na sreath-telebhisean "Monarch of the Glen"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Bhaile Ùr an t-Slèibh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Suidhichte aig ceann a deas Bhàideanaich agus Srath Spè air na raointean as àirde ann an Spè, chan eil lorg air baile aig Baile Ùr an t-Slèibh ro thoiseach an 19mh linn. Tha coltas gu robh tuineachaidhean ro-eachdraidheil agus bailtean tràth faisg. B' ann an dèidh dhan drochaid a bhith air a togail tarsainn air an Spè ann an 1756 agus na Fuadaichean aig deireadh an ochdamh linn deug, a thogadh clachan air an rathad ùr gu tuath. A rèir An Treas Cunntas Àireamhail chuireadh am baile air bhonn le Seumas Mac a' Phearsain, mac Sheumais Mhic a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" bàrdachd Ossian. An toiseach, b' e Stonemuir a bha air ach dh'atharraicheadh an t-ainm ann an 1828 gu Baile ùr an t-Slèibh.<br /> <br /> Aig toiseach an 19mh linn chumadh na margaidhean as motha eadar Inbhir Nis agus An Eaglais Bhreac. Le ùidh na Banrìgh Bhioctoria sa Ghàidhealtachd, thadhail I air Àird Mhairgidh a tha faisg air agus smaoinich I air a cheannach. Dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar bhaile-turasachd,le sealg agus iasgach dha na daoine-uasal air na h-oighreachdan mòra.<br /> <br /> Aig 800troigh os cionn na mara, agus Am Monadh Liath a' toirt fasgadh bhon ghaoith a tuath agus air a dhìon leis a' Mhonadh Liath agus leis a' Mhonadh Ruadh, thathar a' meas gur e am baile sàmhach, traidiseanta seo a' chuid as fhaide a-staigh air an dùthaich ann an Alba. Tha e astar co-ionnan bhon Chuan Siar agus bhon Chuan a Tuath agus 's e fear de na h-àiteachan as tiorama anns an rìoghachd. Rinn an t-sìde e na ionad làithean-saora airson slàinte agus bho chionn beagan bhliadhnaichean tha e air a bhith na phrìomh-àite fiolmaidh airson na sreath-telebhisean "Monarch of the Glen"