Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
GNSR 49 air treana sònraichte san àrd-ùrlar a tuath, Orbliston, Ògmhios 1960
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1162
ÀITE
Orbliston
SGÌRE
Fachabair
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
14 Ògmhios 1960
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27818
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
einnseanan-treana
GNSR 49 on a special in the up platform at Orbliston, June 1960

San dealbh-chamara seo chithear GNSR 49 air treana sònraichte san àrd-ùrlar a tuath ann an Orbliston san Ògmhios 1960.

Chaidh einnsean Àmh 49 aig Rèile Mhòr Alba a Tuath a thogail ann an Glaschu ann an 1920 le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath. Bha fear de na dreach-dheilbh mu dheireadh aige a bh' air einnseanan luchd-siubhail aig a' chompanaidh sin. Às dèidh do na companaidhean a thighinn còmhla, fhuair e an àireamh LNER 2277.

B' e 'The Soldier' am far-ainm a bh' air, agus chaidh a chur gu glèidheadh ann an 1958. Chaidh a chur gu feum airson cuairtean treana-smùid gu ruig Ògmhios 1966, nuair a chaidh a chur a-steach do Thaigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu.

Chaidh Stèisean Àrd Fhachabair fhosgladh le Rèile Gobhail Inbhir Nis is Obar Dheathain (I&AJR) an 18mh den Lùnastal 1858. B' e an I&AJR tè de na companaidhean a chaidh còmhla gus Rèile na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1865. Chaidh an t-ainm ùr 'Orbliston Junction' a chur air san Dàmhair 1893 nuair a thàinig e gu bhith na ghobhal aig loidhne gobhail Fhachabair. Chaidh am facal 'Junction' (gobhal) a thoirt air falbh san t-Sultain 1960. Dhùin e do thrafaig bathair sa Ghiblean 1964 agus do sheirbheisean luchd-siubhail san Dùbhlachd sin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

GNSR 49 air treana sònraichte san àrd-ùrlar a tuath, Orbliston, Ògmhios 1960

MOIREIBH

1960an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations