Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Isla Bank' agus HR 27, 119, 117, 146 agus 126 air taonj a-muigh seada Pheairt
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1178
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27832
KEYWORDS
stèiseanan rèile
locomotaibhean
'Isla Bank' and HR 27, 119, 117, 146 and 126 outside Perth shed

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn, bho chlì gu deas, 'Isla Bank', HR 27, 119, 117, 146 agus 126 air taobh a-muigh seada Pheairt.

Chaidh 'Isla Bank' a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain ann an 1863. Bha i na ball de chlas Glenbarry de 2-2-2 locomotaibhean. Ainmichte 'Kingsmills' bho thùs, chaidh a h-ath-thogail mar 2-4-0 san Iuchar 1892 agus a h-ath-ainmeachadh 'Isla Bank' ann an 1889. B' i a b'fhaide a mhair de locomotaibhean clas Genbarry air fad, agus mhair i gu dìreach an dèidh a' bhuidhneachaidh mus deach a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1923. Chaidh a h-ath-àireamhachadh HR 35A ann an 1911.

Chaidh 27 a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain le Sharp Stewart anns An Lùnastal 1863, mar phàirt den chlas '18' de 2-4-0 locomotaibhean anns an robh deich. DDh'ath-thog HR i le siolandairean ùra agus nithean eile sa Ghearran 1891. Chaidh a h-ath-àireamhachadh grunnan thurais - gu 27A ann an 1913, 27B ann an 1916, agus air ais gu 27A sa Ghiblean 1918. Ghluais i gu LMS an dèidh a' bhuidhneachaidh ach cha deach a h-ath-àireamhachadh a-riamh.

B' e aon den chlas 'Loch anns an robh 15 4-4-0 locomotaibhean a bh' ann an 119, 'Loch Insh'. Chaidh a togail le Dubs & Co ann an Glaschu ann an 1896. Chaidh a h-àireamhachadh 14379 le LMS agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Mhàirt 1948.

B' e aon den Chlas 'Big Goods' de 4-6-0 locomotaibhean a chaidh a thogail le Sharp Stewart ann an Glaschu ann an 1894 a bh' ann an 117. Chaidh a h-àireamhachadh 17930 le LMS agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1939.

B' e aon den Chlas 'Castle' de locomotaibhean luath luchd-siubhail a bh' ann N 146, 'Skibo Castle'. Chaidh a togail le Dubs & Co ann an Glaschu ann an 1902. Chaidh a h-àireamhachadh 14681 leis an LMS agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Dàmhair 1946.

B' e ball den chlas 'Loch' a bh' ann an 126, 'Loch Tummel' cuideachd. Àireamhaichte 14386 leis an LMS, Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1938.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Isla Bank' agus HR 27, 119, 117, 146 agus 126 air taonj a-muigh seada Pheairt

PEAIRT

stèiseanan rèile; locomotaibhean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations