Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean A' Phluic le HR 63 'Inverness' air trèana balaiste, An Dàmhair 1897
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1202
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
Dàmhair 1897
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27853
KEYWORDS
stèiseanan rèile
Plockton Station with HR 63 'Inverness' on a ballast train, October 1897

Sealladh de Stèisean A' Phluic le HR 63 'Inverness' air trèana balaiste, a chaidh a thogail san Dàmair 1897.

Chaidh HR 63 'Inverness' a chrìochnachadh san Iuchar 1874 agus b' e 'Inverrness-shire' an t-ainm tùsail a bh' oirre. B'e ball de locomotaibhean 4-4-0 Clas 'Duke'aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' innte, a' chiad de einnseanan a' chompanaidh a chaidh a dhealbhachadh le Daibhidh Jones. Chaidh deich a thogail le Dubs à Glaschu ann an 1874.

Chaidh stèisean A' Phluic fhosgladh le Rèile na Gàidhelatachd san Ògmhios 1897 nuair a chaidh a loidhne à Inbhir Nis gu Port an t-Sròim a leudachadh gu Caol Loch Aillse. Tha e fhathast a' faighinn seirbheis bho seibheisean luchd-siubhail riaghailteach ged a chaidh a dhùnadh do thrafaig bathair san t-Sultain 1964. Ann an 1986 thug Alba Eachdraidheil, am buidheann a tha an urra ri dualchas cultarach na h-Alba, inbhe togalach air a chlàradh dha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean A' Phluic le HR 63 'Inverness' air trèana balaiste, An Dàmhair 1897

ROS: Loch Aillse

1890an

stèiseanan rèile

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Sealladh de Stèisean A' Phluic le HR 63 'Inverness' air trèana balaiste, a chaidh a thogail san Dàmair 1897.<br /> <br /> Chaidh HR 63 'Inverness' a chrìochnachadh san Iuchar 1874 agus b' e 'Inverrness-shire' an t-ainm tùsail a bh' oirre. B'e ball de locomotaibhean 4-4-0 Clas 'Duke'aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' innte, a' chiad de einnseanan a' chompanaidh a chaidh a dhealbhachadh le Daibhidh Jones. Chaidh deich a thogail le Dubs à Glaschu ann an 1874.<br /> <br /> Chaidh stèisean A' Phluic fhosgladh le Rèile na Gàidhelatachd san Ògmhios 1897 nuair a chaidh a loidhne à Inbhir Nis gu Port an t-Sròim a leudachadh gu Caol Loch Aillse. Tha e fhathast a' faighinn seirbheis bho seibheisean luchd-siubhail riaghailteach ged a chaidh a dhùnadh do thrafaig bathair san t-Sultain 1964. Ann an 1986 thug Alba Eachdraidheil, am buidheann a tha an urra ri dualchas cultarach na h-Alba, inbhe togalach air a chlàradh dha.