Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid le HR 52 air trèana san àr-chabhsair sìos
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1245
ÀITE
Drochaid an Aonachain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27890
KEYWORDS
stèiseanan rèile
Spean Bridge Station from the bridge with HR 52 on train in the down platform

Sealladh de Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid. Tha HR 52 air trèana san àrd-chabhsair sìos.

Air a h-àireamhachadh 15 bho thùs le Rèile na Gàidhealtachd, chaidh HR 52 ath-àireamhachadh trì turais le Rèile na Gàidhealtachd: gu 52 san Dùbhlachd 1900; gu 52A sa Mhàrt 1917; agus gu 52B san Lùnastal 1922. Eadar 1901 agus 1923 bha i a' giùlan an ainm 'Fortrose'. An dèidh a' bhuidhneachaidh chaill i a h-ainm agus b' e LMS 15016 a bh' oirre. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh sa Chèitean 1927.

Chaidh Stèisean Dhrochaid an Aonachain fhosgladh bho thùs mar an ceann-uidhe a deas de Rèile Inbhir Garaidh agus Cille Chuimein (I&FAR) agus chaidh ùghdarras a thoirt dha san Lùnastal 1896. Ruith an I&FAR a-mach à airgead sa Chèitean 1903, mus do dh'fhosgail an loidhne, agus ghabh Rèile Na Gàidhealtachd thairis e (bha Rèile na Gàidhealtahcd dealasach mu am farpaisiche, Rèile Bhreatainn a Tuath (NBR), a chumail air falbh à Inbhir Nis). Mhair an aonta seo chun An Iuchar 1907 nuair a tharraing Rèile na Gàidhealtachd a-mach agus ghabh an NBR an àite. Chaidh an loidhne a dhùnadh air 31 An Dàmhair 1911 ach dh'fhosgail i a-rithist air 1 An Lùnastal 1913. Dà mhìos dheug an dèidh sin cheannaich an NBR i. Dhùin an loidhne do thrafaig luchd-siubhail air 1 An Dùbhlachd 1933 agus do bhathair air 1 Am Faoilleach 1947. Chaidh seada einnsean a thogail an seo ach cha deach a cleachdadhn a-riamh leis an tè ann an Cille Chuimein ga cleachdadh an àite sin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid le HR 52 air trèana san àr-chabhsair sìos

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

stèiseanan rèile

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Sealladh de Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid. Tha HR 52 air trèana san àrd-chabhsair sìos.<br /> <br /> Air a h-àireamhachadh 15 bho thùs le Rèile na Gàidhealtachd, chaidh HR 52 ath-àireamhachadh trì turais le Rèile na Gàidhealtachd: gu 52 san Dùbhlachd 1900; gu 52A sa Mhàrt 1917; agus gu 52B san Lùnastal 1922. Eadar 1901 agus 1923 bha i a' giùlan an ainm 'Fortrose'. An dèidh a' bhuidhneachaidh chaill i a h-ainm agus b' e LMS 15016 a bh' oirre. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh sa Chèitean 1927.<br /> <br /> Chaidh Stèisean Dhrochaid an Aonachain fhosgladh bho thùs mar an ceann-uidhe a deas de Rèile Inbhir Garaidh agus Cille Chuimein (I&FAR) agus chaidh ùghdarras a thoirt dha san Lùnastal 1896. Ruith an I&FAR a-mach à airgead sa Chèitean 1903, mus do dh'fhosgail an loidhne, agus ghabh Rèile Na Gàidhealtachd thairis e (bha Rèile na Gàidhealtahcd dealasach mu am farpaisiche, Rèile Bhreatainn a Tuath (NBR), a chumail air falbh à Inbhir Nis). Mhair an aonta seo chun An Iuchar 1907 nuair a tharraing Rèile na Gàidhealtachd a-mach agus ghabh an NBR an àite. Chaidh an loidhne a dhùnadh air 31 An Dàmhair 1911 ach dh'fhosgail i a-rithist air 1 An Lùnastal 1913. Dà mhìos dheug an dèidh sin cheannaich an NBR i. Dhùin an loidhne do thrafaig luchd-siubhail air 1 An Dùbhlachd 1933 agus do bhathair air 1 Am Faoilleach 1947. Chaidh seada einnsean a thogail an seo ach cha deach a cleachdadhn a-riamh leis an tè ann an Cille Chuimein ga cleachdadh an àite sin.