Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean an Rèile Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1260_AT
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
27903
KEYWORDS
rathad-iarainn
rèile
stèiseanan
stèiseanan rathad-iarainn
togalaichean
ailtireachd
Strathpeffer Railway Station

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6km) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite spà Bhictorianach.

Mar a dh'fhàs cliù nan goireasan spà aig Srath Pheofhair, bha e follaiseach gun robh feum air rathaidean na b' fheàrr a' tighinn thuige. Ann an 1863 chaidh moladh a dhèanamh gus loidhne rèile a thogail o Inbhir Pheofharain gu ruig Caol Loch Aillse, a' dol taobh Shrath Pheofhair, ach chaidh uachdarain talmhainn na sgìre an aghaidh na slighe a chaidh a mholadh. Chaidh an loidhne tùsail mar sin a chur air slighe eile mu dhà mhìle gu tuath air Inbhir Pheofharain, ach le ùine dh'fhàs seo mì-iomchaidh. Mu dheireadh chaidh cead a thoirt seachad gus stèisean ann am meadhan a' bhaile a thogail agus dh'fhosgail loidhne-gobhail ùr Shrath Pheofhair, san dealbh seo, ann an 1885. Nuair a dh'fhosgail an loidhne ùr, chaidh an seann stèisean ath-ainmeachadh mar Auchterneed.

Nuair a dh'fhosgail an loidhne ùr seo, dh'fhàs am baile na b' fheàrr buileach aig daoine. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Bha stèisean na rèile glè thrang ann am mìosan an t-samhraidh agus ann an 1911 thog Companaidh Rèile na Gàidhealtachd a thaigh-òsta fhèin, Taigh-òsta na Gàidhealtachd. Aig an Aghaidh Mhòr a h-uile seachdain bhiodh an 'Strathpeffer Spa Express' a' ceangal ri treanaichean on deas agus chaidh iad sin dìreach dhan Spà gun stad, ach ann an Inbhir Pheofharain.

'S e toiseach a' Chiad Chogaidh a chunnaic toiseach dol-sìos an Spà agus a rèile. Sguir an 'Strathpeffer Spa Express' às dèidh seusan 1915 agus chaidh Taigh-òsta na Gàidhealtachd a ghabhail fo smachd muinntir na h-armachd. Cha d' fhuair Srath Pheofhair a-riamh air ais a chliù bhon àm ron chogadh. Dhùin Stèisean Shrath Pheofhair ri luchd-tadhail an 23mh Gearrain 1946 agus dhùin e gu tur an 26mh Màirt 1951. Ach chaidh togalaichean an stèisein am fàgail nan seasamh agus ann an 1980 chaidh an ath-nuadhachadh agus an-diugh tha iad nan dachaigh do Thaigh-tasgaidh Gàidhealach na Leanabachd agus do bhùithean eile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean an Rèile Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

2000an

rathad-iarainn; rèile; stèiseanan; stèiseanan rathad-iarainn; togalaichean; ailtireachd