Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Srath Pheofhair leis an stèisean ri aghaidh an deilbh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1270
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27913
KEYWORDS
stèiseanan rèile
Strathpeffer with the station in the foreground

Sealladh de Srath Pheofhair leis an stèisean ri aghaidh an deilbh.

Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6cil.) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnasgair a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Thug Dr Moireasdan à Siorrachd Obar Dheathain am follais cumhachd slànachaidh nan uisgeachan aig toiseach an 19mh linn agus le a mholadh, chaidh a' chiad rùm Pumpa fiodha a thogail ann an 1819. Ann an 1861 chaidh rùm pumpa làidir cloiche a thogail an àite an togalach fiodha tùsail.

Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an uair sin, leasaich am baile beag na àite Bhictòrianach airson tadhal nan uisgeachan. Ann an 1885 nuair a dh'fhosgail meur Shrath Pheofhair de Rèile Inbhir Pheofharain is an Eilein Sgitheanaich bha e na bu tharraingiche buileach. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictòrianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad 'a ghabhail nan uisgeachan'. Bha na goireasan leasaichte sin a' ciallachadh gum b' urrainn dha Srath Pheofhair ffarpais a dhèanamh le bailtean spà eile ann am Breatainn agus san Roinn Eòrpa. Gus a' Chiad Chogadh bha am baile a' tàladh mòran luchd-turais ach an dèidh sin cha robh daoine cho measail air.

Chaidh am prìomh Rùm Pumpa a leagail anns na 1950an ach tha an Rùm Pumpa gu h-Àrd, ri taobh a' Phaillein, fhathast annTha grunnan thaisbeanaidhean mìneachaidh ann an-diugh, a' tha a' sealltainn an eachdraidh air cùlaibh a bhith a' leasachadh an Spà agus faodaidh luchd-tadhail na h-uisgeachab slanachaidh fheuchainn. Tha Srath Pheofhair aon uair eile a' còrdadh ri luchd-turais agus tha a thaighean-òsta mòr Bhictòrianach a' toirt àite-fuirich dha luchd-turais a tha air chuairt sa Ghàidhealtachd. Tha raon goilf brèagha, Taigh-tasgaidh na h-Òigridh, agus Pàillean Spà Srath Pheofhair am measg tàlaidhean a' bhaile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Pheofhair leis an stèisean ri aghaidh an deilbh

ROS: Fothraitidh

stèiseanan rèile

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations