Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòighean iasgaich ann an Gallaibh (8)
EXTERNAL ID
QZP40_CAITHNESS_CROFTING_36
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH
LINN
1980an
CRUTHADAIR
Alec Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2795
KEYWORDS
claistinneach
iasgach
bàtaichean-iasgaich
lìontan iasgaich
iasgairean
iasg

Get Adobe Flash player

B' e iasgair ann an Inbhir Theòrsa a bh' ann an Ailig MacThòmais. Sa phìos chlaistinneach seo tha e a' cuimhneachadh beatha air bòrd nan drioftairean.

Interviewer: Did ye ever sail on a drifter?

'Was Ah ever on a drifter? Ah was on three o them. Ah was on e 'Azure Voyage', Ah was on e 'Spectrum', an Ah was on e 'Mistletoe'. At's three big drifters. But when Ah was on e drifters it was e herring fishing Ah was at. During e summer months, an e Yarmouth fishing, ye know? When we was fishing in e Wick boats was away workan aboot, oh aboot seventy mile off o Wick an away oot in at direction, away til e east, away oot off o Wick bay ere. And e whole east coast was workan oot there. An then there was two fleets o boats workan on at ground, an anither fleet from Stronsay. E Stronsay boats was all ere. E Stronsay fleet an e Wick fleet was workan e same grounds, but Stronsay fleet they landed their fish in Stronsay, ye see? Nearly all Moray Firth drifters, an we always went til Wick wi wir catch, ye see?'

'S e an dòigh iasgaich a bu shìmplidh a bhith ag obair le driamlach no loidhne, a' cleachdadh lìn fhada le dubhain agus biathadh orra ach an glacadh iad trosg, langa, adag agus iasg geal eile, agus iasg caol mar turbaid agus lèabag. Bha dà sheòrsa iasgach le driamlach ann, lìn bheaga air an cleachdadh faisg air tìr airson an èisg bheag gheal agus lìn mhòra a ghlacadh èisg na bu mhotha ann an uisgeachan domhainn. Bha an driamlach glè thric uabhasach fada. 'S ann ann an aitheamhan a bhiodh iad a' tomhas faid, gu h-oifigeil 's e sia troighean a bh' ann an aitheamh, ach mar a b' abhaist dìreach aitheamh an duine a bha ga thomhas (an tomhas eadar a dhà làimh sgaoilte gach taobh). Bha iasgach nan driamlach ag iarraidh obair mòran dhaoine agus dh'fhaodadh gum biodh an teaghlach gu lèir an sàs san obair, le boireannaich is clann a' cruinneachadh a' bhiathaidh agus ag ullachadh nan uidheaman air an tràigh mus biodh na h-iasgairean a' dol gu muir. Bhiodh iad glè thric a' cleachadadh sgadan na bhiathadh ach ann an cuid de bhailtean beaga bhiodh iad a' buain mhaoraich a chuireadh iad air na dubhain.

Sna 1920an chaidh iasgach le lìn 'seine' a thoirt a-steach ann an Linne Mhoireibh agus thàinig an doigh iasgaich sin a bhith na dòigh abhaisteach gus iasg geal agus leòbagan a ghlacadh air taobh an ear na h-Alba. Bha cabhlach mòr de bhàtaichean nan 'seine-net' ann an Inbhir Ùige, agus cabhlach na bu lugha ag obair a-mach à Inbhir Theòrsa. 'S e an dòigh obrach a bh' aca a bhith a' tilgeil agus a' tarraing lìon fhada a ghlacadh iasg fhathast san uisge na bhroinn. 'S e pìos den uidheam a bha gu math cudthromach an 'dhan' no 'dan-buoy', pòla a bhiodh a' fleodradh le aon cheann sìos a shealladh dhaibh far an robh aon cheann den lìon, air neo ann an iasgach le driamlach, a' sealltainn far an robh an ceann a b'fhaide air falbh den loidhne.

Bhiodh iasgairean a' lorg far an robh iad aig muir le bhith a' coimhead air comharraidhean-tìre, leithid rubhannan no togalaichean mòra, eòlas a dh'fheumadh a bhith aca ach an lorgadh iad na h-àiteachan a b' fheàrr ann an grunnd na mara far an glacadh iad èisg. 'S e 'meezes' cuideachd a bhiodh aca air na comharraidhean seo. Bhiodh sgìrean den ghrunnd a b'fheàrr leis gach iasgair, agus mar bu trice chuireadh iad ainmean orra.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòighean iasgaich ann an Gallaibh (8)

GALLAIBH

1980an

claistinneach; iasgach; bàtaichean-iasgaich; lìontan iasgaich; iasgairean; iasg

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Caithness Recordings: Fishing