Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prìomh àrd-ùrlar na Mùnd le treana agus einnsean Clas 5 air, Iuchar 1950
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1330
ÀITE
A' Mhùnd
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
DEIT
3 Iuchar 1950
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27955
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
The main platform at The Mound from the west with a Class 5 on train, July 1950

Sealladh on iar air a' phrìomh àrd-ùrlar aig a' Mhùnd agus einnsean Clas 5 air an treana. Chaidh an dealbh a thogail san Iuchar 1950.

Chaidh na h-einnseanan-treana Clas 5 a dheilbh airson an LMS le Uilleam Stanier. B' e na 'Black Fives' a bh' aig daoine orra, agus chaidh 842 dhiubh a thogail eadar 1934 agus 1951.

Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prìomh àrd-ùrlar na Mùnd le treana agus einnsean Clas 5 air, Iuchar 1950

CATAIBH: Dòrnach

1950an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; treanaichean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Sealladh on iar air a' phrìomh àrd-ùrlar aig a' Mhùnd agus einnsean Clas 5 air an treana. Chaidh an dealbh a thogail san Iuchar 1950. <br /> <br /> Chaidh na h-einnseanan-treana Clas 5 a dheilbh airson an LMS le Uilleam Stanier. B' e na 'Black Fives' a bh' aig daoine orra, agus chaidh 842 dhiubh a thogail eadar 1934 agus 1951.<br /> <br /> Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.