Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
55051 air treana aig an àrd-ùrlar ghobhlach aig a' Mhùnd
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1331
ÀITE
A' Mhùnd
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27956
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
55051 on train in the branch platform at The Mound

San dealbh-chamara seo chithear einnsean 55051 air treana aig an àrd-ùrlar ghobhlach aig a' Mhùnd.

Ann an 1905/06 thog Rèile na Gàidhealtachd ceithir einnseanan tanca 0-4-4 a bhiodh ag obair air diofar loidhnichean beaga taobhach. Fhuair iad na h-àireamhan 25, 40, 45 agus 46, agus b' iad na h-einnseanan treana deireannach a chaidh a thogail aig oibrichean na Companaidh aig Loch Gorm ann an Inbhir Nis.

B' e 55051 fear de na h-einnseanan sin, a' tòiseachadh le Rèile na Gàidhealtachd mar HR25. Chaidh a tharraing às mu dheireadh san Lùnastal 1956.

Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

55051 air treana aig an àrd-ùrlar ghobhlach aig a' Mhùnd

CATAIBH: Dòrnach

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; treanaichean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations