Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
55051 agus 55053 aig A' Mhùnd, Giblean 1951
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1334
ÀITE
A' Mhùnd
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
DEIT
Giblean 1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27959
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana
55051 and 55053 at The Mound, April 1951

San dealbh-chamara seo chithear einnseanan 55051 agus 55053 aig A' Mhùnd sa Ghiblean 1951. Gabhaidh beagan den bhothaig-comharra fhaicinn.

Bha an dà einnsean den t-seòrsa 'Passenger Tank Class' 0-4-4 aig Rèile na Gàidhealtachd a chaidh a thogail ann an 1905. Thòisich 55051 a bheatha mar HR 25, 'Strathpeffer' agus chùm e a' dol ann an seirbheis gu 1956. B' e HR 45 a bh' air 55053 an toiseach agus chaidh sin a tharraing à seirbheis ann an 1957.

Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

55051 agus 55053 aig A' Mhùnd, Giblean 1951

CATAIBH: Dòrnach

1950an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; treanaichean; trèanaichean; einnseanan treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh-chamara seo chithear einnseanan 55051 agus 55053 aig A' Mhùnd sa Ghiblean 1951. Gabhaidh beagan den bhothaig-comharra fhaicinn.<br /> <br /> Bha an dà einnsean den t-seòrsa 'Passenger Tank Class' 0-4-4 aig Rèile na Gàidhealtachd a chaidh a thogail ann an 1905. Thòisich 55051 a bheatha mar HR 25, 'Strathpeffer' agus chùm e a' dol ann an seirbheis gu 1956. B' e HR 45 a bh' air 55053 an toiseach agus chaidh sin a tharraing à seirbheis ann an 1957. <br /> <br /> Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.