Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 103 air treana sònraichte gu deas aig A' Mhùnd, Ògmhios 1962
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1336
ÀITE
A' Mhùnd
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
DEIT
15 An t-Ògmhios 1962
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27960
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana
HR 103 on a southbound special at The Mound, June 1962

San dealbh-chamara seo chithear HR 103 air treana sònraichte gu deas aig A' Mhùnd san Ògmhios 1962.

B' e 103 a' chiad fhear de na h-einnseanan treana den Chlas 'Big Goods' 4-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh a thogail ann an 1894. An dèidh dha tighinn à seirbheis ann an 1934 (leis an àireamh ùr air 17916 às dèidh an atharrachaidh) chaidh a thoirt air ais dha chiad dhreach agus choltas leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a thoirt air ais gu ìre làn-obrach le Rèile Bhreatainn agus chuir e seachad ùine a' tarraing chuairtean sònraichte do luchd-leanmhainn. 'S e an t-aon einnsean-treana aig HR (Rèile na Gàidhealtachd) a tha a' mairsinn agus gabhaidh fhaicinn aig Taigh-tasgaidh na Còmhdhail ann an Glaschu.

Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 103 air treana sònraichte gu deas aig A' Mhùnd, Ògmhios 1962

CATAIBH: Dòrnach

1960an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; treanaichean; trèanaichean; einnseanan treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh-chamara seo chithear HR 103 air treana sònraichte gu deas aig A' Mhùnd san Ògmhios 1962.<br /> <br /> B' e 103 a' chiad fhear de na h-einnseanan treana den Chlas 'Big Goods' 4-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh a thogail ann an 1894. An dèidh dha tighinn à seirbheis ann an 1934 (leis an àireamh ùr air 17916 às dèidh an atharrachaidh) chaidh a thoirt air ais dha chiad dhreach agus choltas leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a thoirt air ais gu ìre làn-obrach le Rèile Bhreatainn agus chuir e seachad ùine a' tarraing chuairtean sònraichte do luchd-leanmhainn. 'S e an t-aon einnsean-treana aig HR (Rèile na Gàidhealtachd) a tha a' mairsinn agus gabhaidh fhaicinn aig Taigh-tasgaidh na Còmhdhail ann an Glaschu. <br /> <br /> Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean cuideachd a leagail.